Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A'sgìtheadh anns a' Mhonadh Ruadh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0070
ÀITE
Am Monadh Ruadh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31958
KEYWORDS
càirtean-puist
a'sgìtheadh
sgìthean
Skiing in the Cairngorms

Tha a' chàirt-phuist seo bho na 1960an a'sealltainn luchd-sgìthidh air a' Charn Ghorm, beagan mìltean bhon Aghaidh Mhòir.

Ann an 1904 dh'fheuch buill buidheann streapadaireachd na h-Alba ri sgìtheadh air Beinn Nibheis agus ann an ùine goirid an dèidh sin stèidhich Buidheann Sgìthidh na h-Alba, ged a bha barrachd ùidh aig luchd-sgìthidh ann an sgìtheadh a' bhlàir na bh'aca ann an sgìtheadh-leathaid. Rè an Dara Cogaidh bha saighdearan Breatannach a' treanadh agus a' fuireach aig Loidse a' Choille, Obair Neithich agus Loidse a' Ghlnn Mhòir faisg air Loch Morthlaich agus bha iad ag ionnsachadh mu shabaid beinne agus sgìtheadh. An dèidh a' chogaidh dh'iarr mòran dhaoine cumail a' dol a' dol leis an sgitheadh. Bha raointean mar Baile Ùr an t-Slèibh agus An Aghaidh Mhòr furasta an ruigsinn air rathad-iarainn agus a dh'aindeoin coiseachd fhada, bha Coire Cas anns a' Mhonadh Ruadh na cheann-uidhe mòr-thaitneach. Ann an 1947 fhuair Prìomh Chomhairle an Fhoghlaim Chorporra Loidse a' Ghlnn Mhòir agus thairgeadh cùrsaichean sgìthidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A'sgìtheadh anns a' Mhonadh Ruadh

INBHIR NIS

1960an

càirtean-puist; a'sgìtheadh; sgìthean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chàirt-phuist seo bho na 1960an a'sealltainn luchd-sgìthidh air a' Charn Ghorm, beagan mìltean bhon Aghaidh Mhòir.<br /> <br /> Ann an 1904 dh'fheuch buill buidheann streapadaireachd na h-Alba ri sgìtheadh air Beinn Nibheis agus ann an ùine goirid an dèidh sin stèidhich Buidheann Sgìthidh na h-Alba, ged a bha barrachd ùidh aig luchd-sgìthidh ann an sgìtheadh a' bhlàir na bh'aca ann an sgìtheadh-leathaid. Rè an Dara Cogaidh bha saighdearan Breatannach a' treanadh agus a' fuireach aig Loidse a' Choille, Obair Neithich agus Loidse a' Ghlnn Mhòir faisg air Loch Morthlaich agus bha iad ag ionnsachadh mu shabaid beinne agus sgìtheadh. An dèidh a' chogaidh dh'iarr mòran dhaoine cumail a' dol a' dol leis an sgitheadh. Bha raointean mar Baile Ùr an t-Slèibh agus An Aghaidh Mhòr furasta an ruigsinn air rathad-iarainn agus a dh'aindeoin coiseachd fhada, bha Coire Cas anns a' Mhonadh Ruadh na cheann-uidhe mòr-thaitneach. Ann an 1947 fhuair Prìomh Chomhairle an Fhoghlaim Chorporra Loidse a' Ghlnn Mhòir agus thairgeadh cùrsaichean sgìthidh