Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Inbhir a' coimhead gu sgurran Canisp agus Suilbheinn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0076
ÀITE
Loch an Inbhir
SGÌRE
Asaint
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Asaint
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31964
KEYWORDS
cairtean-puist
beanntan
iasgach
sreap
creag-eòlas
Lochinver looking to the peaks of Canisp and Suilven

Chithear sealladh air Loch an Inbhir a' coimhead gu mullaichean Chanisp agus Suilbheinn sa chairt-phuist seo o na 1970an.

'S e an togalach mòr air an làimh dheis Taigh-òsta Chulaig a thogadh mar loidse-seilg ann an 1873.

Tha Loch an Inbhir air cost an iar Chataibh mu 30 mìle gu tuath air Ulapul. 'S e port iasgaich trang a th' ann, ged a tha iasgach an sgadain air a dhol sìos. 'S e cho annasach 's a tha an dùthaich mun cuairt air a tha a' tarraing mòran dhaoine. Tha luchd-sreap dèidheil air beanntan eireachdail leithid Canisp agus Suilbheinn, ris an canar gu tric an "Sugar Loaf", agus tha cruthan iongantach sna creagan a' tàladh nan creag-eòlaichean.

'S e Suilbheinn beinn le dà sgurr mhullaich a tha mu 5 mìle an ear-dheas air Loch an Inbhir. 'S ann on Lochlannais airson 'Beinn nan Colbh' a tha ainm. Tha àirde de 239tr (731m) sa mhullach as àirde dhan iar, air a bheil an t-ainm eile Caisteal Liath. Tha am mullach nas ìsle agus nas bioraiche 237tr (723m) a dh'àirde.

'S e fear de na rudan neo-àbhaisteach mu Shuilbheinn mar a tha gàrradh cloiche air a thogail tarsainn loidhne na droma, agus chan eil fhios carson.

Tha Canisp ag èirigh gu àirde 2775tr (846m) ach the e beagan fo sgàil Shuilbheinn ri thaobh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Inbhir a' coimhead gu sgurran Canisp agus Suilbheinn

CATAIBH: Asaint

1970an

cairtean-puist; beanntan; iasgach; sreap; creag-eòlas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection