Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Màiri NicillEathain air às-fhalamhachadh dhan Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
WD_HF02_TRACK09_MACLEAN
ÀITE
Port Rìgh; Glaschu
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3199
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
às-fhalamhachadh
evacuation
claistinneach

Get Adobe Flash player

Chaidh Màiri NicillEathain às-fhalamhachadh à Glaschu dhan Eilean Sgitheanach a dh'fhuireach aig càirdean aig àm an Dàrna Cogaidh.

Uill,'s e aon chuimhne a th'agam mar a thuig an riaghaltas agus ùghdarrasan Ghlaschu gur dòcha gum biodh Glaschu na thargaid aig bomairean le cho cudromach 's a bha e a thaobh togail shoithichean. Mar sin thug iad seachad comhairle do phàrantan a' chlann gu lèir às-fhalamhachadh, an cur air falbh bhon bhaile mhòr a dhol a dh'fhuireach a-muigh air an dùthaich. Agus 's ann mar sin a dh'fhalbh mòran chloinne à Glaschu agus chuir ùghdarrasan Ghlaschu air dòigh e agus lorg iad àiteachan-fuirich dhaibh. Ach bha sinne fortanach gu robh an uibhir de chàirdean againn san Eilean Sgitheanach agus chuir iad uile fios thugainn ag ràdh "'S fheàrr dhuibh tighinn dhan Eilean." Agus rinn sinn sin. An-toiseach thàinig mi a Phort Rìgh a dh'fhuireach aig màthair m' athar, 's e sin mo sheanmhair am Port Rìgh - agus peathraichean mo mhàthar. Mar sin dh'fhuirich mi an siud fad naoi miosan, a' chiad naoi mìosan sa chogadh, agus, uill, cha do thachair droch rudan an Glaschu idir. Bha e meadhanach sàmhach agus bha sinne leis a' chianalas. Bhithinn a' sgrìobhadh gu mo mhàthair agus chanainn 'Bu mhiann leam tilleadh air ais a Ghlaschu,' ged a bha e glè mhath ann an Sgoil Phort Rìgh. Bha cùisean a' dol math gu leòr leinn an sin, ach bha sinn ag iarraidh air ais a Ghlaschu agus mar sin às dèidh naoi mìosan, piuthar eile dhomh, uill, dh'fhuirich ise ach dh'fhalbh mo phiuthar eile agus mo bhràthair nas òige, dh'fhalbh sinn air ais a Ghlaschu.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Màiri NicillEathain air às-fhalamhachadh dhan Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; às-fhalamhachadh; evacuation; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Chaidh Màiri NicillEathain às-fhalamhachadh à Glaschu dhan Eilean Sgitheanach a dh'fhuireach aig càirdean aig àm an Dàrna Cogaidh.<br /> <br /> Uill,'s e aon chuimhne a th'agam mar a thuig an riaghaltas agus ùghdarrasan Ghlaschu gur dòcha gum biodh Glaschu na thargaid aig bomairean le cho cudromach 's a bha e a thaobh togail shoithichean. Mar sin thug iad seachad comhairle do phàrantan a' chlann gu lèir às-fhalamhachadh, an cur air falbh bhon bhaile mhòr a dhol a dh'fhuireach a-muigh air an dùthaich. Agus 's ann mar sin a dh'fhalbh mòran chloinne à Glaschu agus chuir ùghdarrasan Ghlaschu air dòigh e agus lorg iad àiteachan-fuirich dhaibh. Ach bha sinne fortanach gu robh an uibhir de chàirdean againn san Eilean Sgitheanach agus chuir iad uile fios thugainn ag ràdh "'S fheàrr dhuibh tighinn dhan Eilean." Agus rinn sinn sin. An-toiseach thàinig mi a Phort Rìgh a dh'fhuireach aig màthair m' athar, 's e sin mo sheanmhair am Port Rìgh - agus peathraichean mo mhàthar. Mar sin dh'fhuirich mi an siud fad naoi miosan, a' chiad naoi mìosan sa chogadh, agus, uill, cha do thachair droch rudan an Glaschu idir. Bha e meadhanach sàmhach agus bha sinne leis a' chianalas. Bhithinn a' sgrìobhadh gu mo mhàthair agus chanainn 'Bu mhiann leam tilleadh air ais a Ghlaschu,' ged a bha e glè mhath ann an Sgoil Phort Rìgh. Bha cùisean a' dol math gu leòr leinn an sin, ach bha sinn ag iarraidh air ais a Ghlaschu agus mar sin às dèidh naoi mìosan, piuthar eile dhomh, uill, dh'fhuirich ise ach dh'fhalbh mo phiuthar eile agus mo bhràthair nas òige, dh'fhalbh sinn air ais a Ghlaschu. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Phort Righ.