Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaigh Fionnghal NicDhòmhnaill, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0101
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31990
KEYWORDS
uaighean
carraighean-cuimhne
Seumasaich
Seumasach
Blàr Chuil Lodair
cairtean-puist
Grave of Flora MacDonald, Skye

Chithear uaigh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Cille Mhoire ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich sa chairt-phuist seo. Rugadh i ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Chaochail a h-athair goirid an dèidh a breith. Phòs a màthair a-rithist agus chaidh Fionnghal a thogail ann an teaghlachd de Chlann Ràghnaill. Fhuair i foghlam ann an Dùn Èideann.

Fhad 's a bha i a' coimhead air a bràthair ann an Uibhist a Deas ann an 1746, chuidich i Teàrlach Eideard Stiùbhart gu bhith a' teiche. Chuir i aodach na searbhanta aice 'Betty Burke' air a' phrionnsa airson gum faigheadh e dhan Eilean Sgitheanach. Chaidh
Fionnghal NicDhòmhnaill a chur an grèim airson a cuid sa ghnothaich. Chaidh a cur a Thùr Lunnainn ach chaidh a leigeil mu sgaoil goirid an dèidh an Indemnity Act 1747. An dèidh greis ann an Carolina a Tuath, chaidh i fhèin agus an teaghlach air ais a Chinnseaborg san Eilean Sgitheanach. Chaochail Fionnghal ann an 1790, agus chaidh carragh-cuimhne a thogail an toiseach ann an Cille Mhoire ann an 1871. Thuit seo leis a' ghaoith ann an 1879, ach chaidh crois ùr a thogail ann an 1880 agus a leasachadh ann an 1882. Tha an sgrìobhadh air an leac, a chaidh a sgrìobhadh leis an Dtr MacIain ag ràdh "Preserver of Prince Charles Edward Stuart. Her name will be mentioned in history, and if courage and fidelity be virtues, mentioned with honour"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaigh Fionnghal NicDhòmhnaill, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1940an; 1950an

uaighean; carraighean-cuimhne; Seumasaich; Seumasach; Blàr Chuil Lodair; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear uaigh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Cille Mhoire ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich sa chairt-phuist seo. Rugadh i ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Chaochail a h-athair goirid an dèidh a breith. Phòs a màthair a-rithist agus chaidh Fionnghal a thogail ann an teaghlachd de Chlann Ràghnaill. Fhuair i foghlam ann an Dùn Èideann.<br /> <br /> Fhad 's a bha i a' coimhead air a bràthair ann an Uibhist a Deas ann an 1746, chuidich i Teàrlach Eideard Stiùbhart gu bhith a' teiche. Chuir i aodach na searbhanta aice 'Betty Burke' air a' phrionnsa airson gum faigheadh e dhan Eilean Sgitheanach. Chaidh <br /> Fionnghal NicDhòmhnaill a chur an grèim airson a cuid sa ghnothaich. Chaidh a cur a Thùr Lunnainn ach chaidh a leigeil mu sgaoil goirid an dèidh an Indemnity Act 1747. An dèidh greis ann an Carolina a Tuath, chaidh i fhèin agus an teaghlach air ais a Chinnseaborg san Eilean Sgitheanach. Chaochail Fionnghal ann an 1790, agus chaidh carragh-cuimhne a thogail an toiseach ann an Cille Mhoire ann an 1871. Thuit seo leis a' ghaoith ann an 1879, ach chaidh crois ùr a thogail ann an 1880 agus a leasachadh ann an 1882. Tha an sgrìobhadh air an leac, a chaidh a sgrìobhadh leis an Dtr MacIain ag ràdh "Preserver of Prince Charles Edward Stuart. Her name will be mentioned in history, and if courage and fidelity be virtues, mentioned with honour"