Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sligh'-uisge aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0108
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31998
KEYWORDS
slighean-uisge
Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir
bàtaichean
bàta
soithichean
soitheach
capastan
cairtean-puist
Canal locks at Fort Augustus

Sa chairt-phuist seo tha bàta-smùide a' dol tro Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir aig Cille Chuimein.

Air an làimh chlì tha triùir fhireannach ag obrachadh a' chapastan. Bha capastain gan cleachdadh airson na glasan fhosgladh agus a dhùnadh mus robh innealan ann airson sin a dhèanamh. Bhiodh an luchd-obrachaidh a' coiseachd timcheall iomadh turas agus a' putadh a' chapastain. Mar sin, dh' fhosgladh agus dhùineadh na geatachan agus na pleadhain.

Tha Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire ann an Inbhir Nis agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail airson gum biodh e leathann gu leòr ann an cuid de dh'àitichean airson gun deigheadh aig soithichean-ghunnaichean a' Chabhlaich Rìoghail air a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Dheigheadh aig soithichean air Caolas Arcaibh agus Cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid sa motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Dhabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge, le 'Neptune's Staircase', (sreath de 8 ghlasan ann am Bainbhidh) nam measg. Chaidh tòiseachadh air an t-sligh'-uisge a dhealbhachadh ann an 1773 le Seumas Watt ach deach tòiseachadh air a thogail gu 1803 agus, an uair sin, b' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann. Chaidh cuid dheth fhosgladh ann an 1822 agus chuireadh crìoch air eadar 1843 is 1847

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sligh'-uisge aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1930an; 1940an

slighean-uisge; Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir; bàtaichean; bàta; soithichean; soitheach; capastan; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo tha bàta-smùide a' dol tro Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir aig Cille Chuimein.<br /> <br /> Air an làimh chlì tha triùir fhireannach ag obrachadh a' chapastan. Bha capastain gan cleachdadh airson na glasan fhosgladh agus a dhùnadh mus robh innealan ann airson sin a dhèanamh. Bhiodh an luchd-obrachaidh a' coiseachd timcheall iomadh turas agus a' putadh a' chapastain. Mar sin, dh' fhosgladh agus dhùineadh na geatachan agus na pleadhain.<br /> <br /> Tha Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire ann an Inbhir Nis agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail airson gum biodh e leathann gu leòr ann an cuid de dh'àitichean airson gun deigheadh aig soithichean-ghunnaichean a' Chabhlaich Rìoghail air a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Dheigheadh aig soithichean air Caolas Arcaibh agus Cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid sa motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Dhabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge, le 'Neptune's Staircase', (sreath de 8 ghlasan ann am Bainbhidh) nam measg. Chaidh tòiseachadh air an t-sligh'-uisge a dhealbhachadh ann an 1773 le Seumas Watt ach deach tòiseachadh air a thogail gu 1803 agus, an uair sin, b' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann. Chaidh cuid dheth fhosgladh ann an 1822 agus chuireadh crìoch air eadar 1843 is 1847