Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch na h-Inns' Àirde agus Foinnebheinn air fhaicinn o Chidhe Loch Clais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0111
ÀITE
Ceann Loch Biorbhaigh
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32001
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
lochan
Loch na h-Inns' Àirde
Loch Biorbhaigh
cidheachan
cairtean
cala
calachan
beanntan
Loch Inchard and Foinaven from Lochclash Pier, Kinlochbervie

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch na h-Inns' Àirde agus Foinnebheinn bho àite os cionn cidhe Loch Clais an Ceann Loch Biorbhaigh. Tha Loch na h-Inns' Àirde beagan gu deas air A' Pharbh, agus 's e fear dhe na lochan-mara as fhaide gu tuath air taobh an iar na h-Alba. Tha e ainmeil air sgàth port-iasgaich Ceann Loch Biorbhaigh, a tha eadar Loch na h-Inns' Àirde agus Loch Clais. Tha tuathanas-bhradan ann an Loch Clais, agus tuathanas mhaorach ann an Loch na h-Inns' Àirde

'S ann an Loch Clais a bha prìomh chidhe Ceann Loch Biorbhaigh o 1908 gu na 1970an. Air sgàth is gun robh obair an iasgaich ann an Ceann Loch Biorbhaigh a' dol am meud, thogadh cidhe ùr aig Loch Biorbhaigh.

Tha Foinnebheinn ag èirigh gu cas air taobh an ear Loch na h-Inns' Àirde. 'S e liath-chlach a th' ann, agus mar sin bithidh i a' deàrrsadh gu h-àlainn sa ghrèin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch na h-Inns' Àirde agus Foinnebheinn air fhaicinn o Chidhe Loch Clais

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1960an

gnìomhachas an iasgaich; lochan; Loch na h-Inns' Àirde; Loch Biorbhaigh; cidheachan; cairtean; cala; calachan; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch na h-Inns' Àirde agus Foinnebheinn bho àite os cionn cidhe Loch Clais an Ceann Loch Biorbhaigh. Tha Loch na h-Inns' Àirde beagan gu deas air A' Pharbh, agus 's e fear dhe na lochan-mara as fhaide gu tuath air taobh an iar na h-Alba. Tha e ainmeil air sgàth port-iasgaich Ceann Loch Biorbhaigh, a tha eadar Loch na h-Inns' Àirde agus Loch Clais. Tha tuathanas-bhradan ann an Loch Clais, agus tuathanas mhaorach ann an Loch na h-Inns' Àirde<br /> <br /> 'S ann an Loch Clais a bha prìomh chidhe Ceann Loch Biorbhaigh o 1908 gu na 1970an. Air sgàth is gun robh obair an iasgaich ann an Ceann Loch Biorbhaigh a' dol am meud, thogadh cidhe ùr aig Loch Biorbhaigh.<br /> <br /> Tha Foinnebheinn ag èirigh gu cas air taobh an ear Loch na h-Inns' Àirde. 'S e liath-chlach a th' ann, agus mar sin bithidh i a' deàrrsadh gu h-àlainn sa ghrèin.