Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cala Sgrabastair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0115
ÀITE
Sgrabastair
SGÌRE
Gallaibh an Iar
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32005
KEYWORDS
calachan
puirt
iasgach
sgadan
ola a' Chuain a Tuath
port
cairtean-puist
Scrabster Harbour

Sa chairt-phuist seo chithear Cala Sgrabastair faisg air Inbhir Theòrsa. Chaidh Taigh-solais Rubha Holburn a thogail ann an 1862 agus chithear e fad às an seo.

Bha an cala seo riamh cudromach do mharaichean sna tìrean mu thuath. Cha b' fhada gus an robh e aithnichte mar an t-slighe gu Arcaibh, Sealtainn agus na Dùthchannan Lochlannach. Thogadh an cala a th' ann an-diugh mu 1841 agus ann an 1856 bha aiseag eadar Sgrabastair agus na Dùthchannan Lochlannach.

Seach gu robh an cala cho cudromach do dh' iasgach an sgadain mus do ghabh cumhachd smùide thairis bho shiùil, bha e cudromach ann an eaconamaidh a chinn a tuath.

An-diugh, air sgàth 's cho math 's a tha an suidheachadh aige, 's e Sgrabastair am port iasgaich as luaithe a tha a' fàs ann am Breatainn. Tha an suidheachadh aige cuideachd a' ciallachadh gu bheil ceangal aige ri leasachadh Ola a' Chuain a Tuath. O chionn ghoirid chaidh cidhe ùr agus ionad uisge domhainn a thogail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cala Sgrabastair

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1950an

calachan; puirt; iasgach; sgadan; ola a' Chuain a Tuath; port; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection