Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Mairead Bochel mu bhiadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF03_TRACK01_BOCHEL
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Margaret Bochel
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3201
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cùmhnadh
cuibhreannan
rations
biadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Lorg màthair Mairead Bochel dòighean diofraichte gus a teaghlach a bhiadhadh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Co ris a bha am biadh coltach aig àm a' chogaidh?

Uill, bha am biadh air a chùmhnadh mar a dh'innis mi dhut. Tha cuimhn' agam air cuid de na rudan agus gu dearbh cha d' fhuair sinn suiteas sam bith air neo cha robh suiteas fo chuibhreann gu mòran na b' fhaide air adhart, saoilidh mi. Ach bha sinn uile glè dhèidheil air na suiteas, gu mì-fhortanach airson ar fiaclan! Ach co-dhiù cha b'urrainn dhuinn an uibhir dhiubh fhaighinn a-nis agus rud eile nach robh ann, b' e sin briosgaidean milis agus gun teagamh gin a bhriosgaid teòclaid idir. An smaoinich thu air beatha gun na rudan sin?

Chan urrainn dhomh.

Ach dh'fhàs sinn cleachdte ris. Agus bha siùcar fhèin gu math gann. Agus chleachd mo mhàthair a bhith 'feuchainn ri silidh a dhèanamh leis a' chuid siùcair a gheibheadh sinn leis an 'ration', ar cuibhreann. Sguir sinn a ghabhail siùcair nar tea. Sguir mo mhàthair aig àm a' Chiad Chogaidh agus mi fhìn 's mo bhràthair òg, sguir sinn an uairsin aig àm a' chogaidh sin bho nach robh ann ach glè bheag de shiùcar. Chan eil cuimhn' agam de 'n uibhir a dh'fhaodadh gach duine faighinn ach cha robh gu leòr dheth ann a ghabhadh a chur san tea; dh'fheumadh sinn dèanamh a' chùis às aonais. Agus bhiodh i a' feuchainn ri silidh a dhèanamh, oir bhiodh iad a' dèanamh tòrr de shilidhean aig an àm sin, 's mar sin shàbhail iad ar cuid shiùcair airson an t-silidh. Tha cuimhn' agam nuair nach fhaigheadh sinn measan sam bith, dh'fheuch mo mhàthair ri silidh a dhèanamh le deitichean. Nise, smaoinich air a sin! Deitichean tioram. Bha e sgrathail an uairsin. Rinn i e ach chan itheadh sinne e. Mar siud cha robh cus shiùcair ann idir.

Bha ìm cuideachd fo chuibhreann, agus margarine, agus tea; bha iad uile air an cùmhnadh, air an rationadh. Agus hama, fhuair sinn mu dhà ùnns dheth, eil fhios agad, bha e mar dhà ùnns hama, dà ùnns ime. Mar sin bha glè bheag dheth ann, mar a thuigeas tu. Agus bha ar cuid de dh'fheòil glè bheag cuideachd. Ach mar a thuirt mi riut, chaidh barrachd a chur ris ar diathad le iasg, mar sin bha sinn glè fhortanach. Agus uighean - bhiodh m' athair a' falbh air a' bhaidhsagal a-muigh air an dùthaich gus an ceannaicheadh e uighean dhuinn agus bhiodh mo mhàthair gan glèidheadh. As t-earrach, nuair a bha pailteas uighean ann chuir sinn iad a-steach do lionn dhen ainm 'water glass' ann am peile. Chaidh na h-uighean a chur dhan 'water glass' a bha seo agus bhiodh iad a' fàs beagan cruaidh dòigh air choireigin agus bhiodh iad air an glèidheadh meadhanach ùr agus chaidh iad seo an cleachdadh ann an còcaireachd. Agus mar sin ann an dòigh cha robh sinn ro dhona dheth. Cha robh, cha robh sinn a-riamh leis an acras.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Mairead Bochel mu bhiadh aig àm a' chogaidh

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cùmhnadh; cuibhreannan; rations; biadh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)