Ùrachadh mu Dheireadh 06/12/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
View of Inverness from Friars Shott

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de dh'Inbhir Nis bho Shràid nam Manach.

Tha an t-Seann Àrd-Eaglais air an taobh chlì. Bha I air Cnoc Naomh Mhìcheil fiù ro 1171. Thathar den bheachd gur e an tùr-cluig on 16mh no an 17mh linn am pìos as sine dhen eaglais o na meadhan linntean. Anns an t-17mh linn thogadh mullach an tùir, agus thogadh e an àite a' bhidein agus a' mhullaich, a thogadh anns na meadhan linntean. Tha iomall air le clachan-taic agus bidean de chopar. Tha na clachan-taic airson an fhiodh a bh' ann o thùs fhathast rim faicinn anns an tùr-chluig. Tha cleoc le ceithir taobhan air an tùr, agus thathar air a bhith a' bualadh a' chluig aig ochd uairean a h-uile feasgar o 1720, ach ri linn an Dara Cogaidh

Air an taobh dheas dhen t-Seann Àrd-Eaglais, tha an Eaglais Shaor a Tuath, a thogadh eadar 1889 agus 1893, aig ceann drochaid Sràid Ghreig. Chaidh a dealbhachadh le Ross agus MacBeth, agus thogadh i le coltas Gotach finealta. 'S ann oirre tha an stìoball as àirde an Inbhir Nis, agus tha bidean air a mullach le uinneagan beaga. Air an taobh dheas dhen tulchainn, a tha ris an t-sràid, tha tùr le staighre. Gabhaidh an Eaglais Shaor a Tuath co-thional de 1,300.

Nas fhaide chun an taoibh dheis tha Àrd-Eaglais Shaor na h-Alba, ris an canar an-diugh Eaglais Naomh Colm-Cille, a tha na seasamh air làrach seann taigh-grùdachais. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh Gotach dìreach, le MacKenzie and Mathews, eadar 1851 agus 1852, Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953. 'S e Stìoball Baile Inbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1791, an stìoball mu dheireadh, agus air an taobh dheas chithear Caisteal Inbhir Nis. Thogadh na togalaichean de chloich-ghainmhich a chithear an-dràsta, eadar 1833 agus 1836, ri plana a rinn Uilleam Burn à Dùn Èideann, ach bha caochladh dhaingnichean air an làrach bhon 12ra linn. An-diugh, tha an caisteal na ionad-rianachd agus na thaigh-cùirte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Shràid nam Manach??

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

eaglaisean; an t-Seann Ard-Eaglais; Cnoc Naomh Mìcheal; Àrd-Eaglais Shaor na h-Alba; Eaglais an Naoimh Cholum Cille; cairtean; tùr; binneanan; iomallan; tùir-cluig; stìoballan; gleòcan; clagan; Abhainn Nis; baile; Eaglais Saor a Tuath; caistealan; cùirt

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection