Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ionad Carabhanaichean Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0124
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32016
KEYWORDS
turasachd
ionadan carabhanaichean
Lochlannaich
Ionad Dualchas Inbhir Ùige
taighean-staile
Taigh-staile Baile Phulteney
cairtean-puist
Wick Caravan Site

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn ionad charabhanaichean Inbhir Ùige ann an Gallaibh. Cha bhithear a' cleachdadh an ionaid sin a-nis idir agus anns an latha an-diugh, tha taigh-òsta, bùth agus pàirc chàraichean air an làraich. Tha ionad charabhanaichean Ùige an cois a' phrìomh-rathaid eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa a-nis.

Tha Inbhir Ùige, ann an Gallaibh, mu 15 mìle a deas air Ceann Dhùn Ghasbaith air costa an ear na h-Alba. Bha am baile na bhaile rianachd do Ghallaibh airson cha mhòr 500 bliadhna. Tha an t-ainm 'Inbhir Ùige' a' tighinn bhon fhacal Nirribheach airson bàgh agus b' iad na Lochlannaich a' chiad fheadhainn a chleachd beul Abhainn Ùige gus an longan-fada a chur air bhog.

An-diugh, tha Inbhir Ùige na mheasgachadh de shean agus ùr, leis a' caladh fhathast trang agus tha meadhan a' bhaile fhathast gu ìre coltach ri mar a bha e bho chionn bhliadhnachan. Tha na mìltean de luchd-turais a' tadhal air Ionad Dualchas Inbhir Ùige a h-uile bliadhna far a bheilear ag innse mu iasgach an sgadain anns a' bhaile, agus tha daoine dèigheil air a bhith a' dol gu Taigh-stàile Baile Phulteney cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ionad Carabhanaichean Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1970an

turasachd; ionadan carabhanaichean; Lochlannaich; Ionad Dualchas Inbhir Ùige; taighean-staile; Taigh-staile Baile Phulteney; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn ionad charabhanaichean Inbhir Ùige ann an Gallaibh. Cha bhithear a' cleachdadh an ionaid sin a-nis idir agus anns an latha an-diugh, tha taigh-òsta, bùth agus pàirc chàraichean air an làraich. Tha ionad charabhanaichean Ùige an cois a' phrìomh-rathaid eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa a-nis.<br /> <br /> Tha Inbhir Ùige, ann an Gallaibh, mu 15 mìle a deas air Ceann Dhùn Ghasbaith air costa an ear na h-Alba. Bha am baile na bhaile rianachd do Ghallaibh airson cha mhòr 500 bliadhna. Tha an t-ainm 'Inbhir Ùige' a' tighinn bhon fhacal Nirribheach airson bàgh agus b' iad na Lochlannaich a' chiad fheadhainn a chleachd beul Abhainn Ùige gus an longan-fada a chur air bhog.<br /> <br /> An-diugh, tha Inbhir Ùige na mheasgachadh de shean agus ùr, leis a' caladh fhathast trang agus tha meadhan a' bhaile fhathast gu ìre coltach ri mar a bha e bho chionn bhliadhnachan. Tha na mìltean de luchd-turais a' tadhal air Ionad Dualchas Inbhir Ùige a h-uile bliadhna far a bheilear ag innse mu iasgach an sgadain anns a' bhaile, agus tha daoine dèigheil air a bhith a' dol gu Taigh-stàile Baile Phulteney cuideachd