Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Beth Thom mu bhiadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF03_TRACK02_THOM
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Beth Thom
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3202
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cùmhnadh
cuibhreannan
rations
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Beth Thom air mar a bha i ag ithe rabaidean is macon aig àm an Dàrna Cogaidh.

Co ris a bha am biadh coltach aig àm a' chogaidh?

Biadh? Uill bha e uile air cùmhnadh, rationadh, mar a tha fios agad. Ghearradh iad dheth pìos beag, airson do chuibhreann de dh'ìm, no mas bi dè bha thu a' ceannach. Agus a dh'innse na fìrinn cha robh e ro dhona a chionns, mar a thuirt mi, bha sinn a' fàs glasraich dhuinn fhìn, ghlèidh sinn cuid chearcan, agus gheibheadh duine biadh eile san dòigh sin agus rinn thu a' chùis còmhla ris na rudan eile. Uaireannan, can nuair a bhiodh duine aosta san teaghlach 's nach b' urrainn dhaibh 'marge' ithe no rudeigin, bheireadh tu seachad do chuibhreann dhaibhsan agus dh'itheadh tu fhèin am marge. Cha robh e gu cus diofar, a robh? Cha robh e ro dhona a-rèisd. Gu cinnteach, feòil a' bhuidseir - bha sin glè ghann agus bhiodh a h-uile duine a' feuchainn ri rud air choireigin a lorg. Agus, seadh, ach uaireannan gheibheadh iad rabaidean, cha robh sin am broinn a' chuibhrinn, eil thu 'faicinn, chan fheumadh tu - bha sin math. Agus saoilidh mi gu robh rud eile, 's dòcha feòil seirce, shark, no rudeigin agus bha rud ann dhen ainm 'macon', agus tha mi a' smaoineachadh gur e bacon a bha sin dèanta le feòil-chaorach, mutton. Chan eil cuimhn' agam idir dè bh' ann ach 's e sin a chuir iad air, macon. Agus a bharrachd air sin b' aithne dhan a h-uile duine, cha mhòr, fir nam bùithtean oir 's e àite meadhanach beag a bh' ann sna làithean sin.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Beth Thom mu bhiadh aig àm a' chogaidh

ROS: Inbhir Pheofharain

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cùmhnadh; cuibhreannan; rations; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)