Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0129
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32021
KEYWORDS
aiseagan
bàtaichean
bàta
soitheach
soithichean
caistealan
drochaidean
cairtean-puist
View of Kyleakin, Skye

Sa chairt-phuist seo chithear Caol Acain san Eilean Sgitheanach. Tha Caisteal Mhaoil ris a' chùl air an làimh dheis.

Sa chiad phlanaichean a chaidh a dhealbh do Chaol Acain, bhathar am beachd baile-puirt gu math mòr a thogail. Cha tàinig na planaichean sin gu buil air sgàth cion airgid agus dh'fhuirich e na bhaile beag.

B' e Caol Àcain am prìomh àite aiseig air an Eilean Sgitheanach co-dhiù bhon t-17mh linn. Suas gu meadhan nan 1930an, cha b' urrainn ach aon charbad a bhith air a ghiùlan thar a' chaolais. An-diugh, chan eil aiseag air an t-slighe seach gu bheil drochaid a' ceangal an eilein ri tìr-mor.

'S iongantach mura buin Caisteal Mhaoil mar a tha e an-diugh dhan 15mh linn agus bha e na dhachaigh aig Clann IcFhionghain chun an t-17mh linn. A rèir beul-aithris, bha fear de chinn-chinnidh Chlann IcFhionghain pòsta aig bana-phrionnsa Lochlannach dom b' ainm "Saucy Mary" a chuir cìs air soithichean a bha a' dol tron Chaol

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Acain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an; 1940an

aiseagan; bàtaichean; bàta; soitheach; soithichean; caistealan; drochaidean; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection