Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Eilg air cladach Bàgh Ghleann Eilg
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0130
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32022
KEYWORDS
Clachan
Taigh-feachd Bheàrnaraigh
dùn
dùin
An t-Eilean Sgitheanach
cairtean-puist
Glenelg by the shores of Glenelg Bay

Sa chairt-phuist seo chithear Gleann Eilg air cladach Bàgh Ghleann Eilg.

'S e baile beag a th' ann an Gleann Eilg agus tha e a' coimhead a-null chun an Eilein Sgitheanaich. Tha am muir air trì taobhannan dheth - Loch Dubhthaich, Linne Shlèite agus Loch Shuirn. Chan eil ach aon rathad a' dol ann thar Màm Ràtagain à Gleann Seile. B' e an Clachan a bha air chun an 18mh linn. Dh'fhàs am baile mu chuairt na h-eaglais agus dh'fhàs e na bu mhotha nuair a thogadh Taigh-feachd Bheàrnaraigh ann an 1717. Tha am baile ainmeil airson dà dhùn, ann an deagh staid, a bhuineas do Linn an iarainn.
B' ann an seo a bhiodh na dròbhairean ag aiseag a' chruidh eadar An t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Tha bàta beag fhathast air an t-slighe as t-samhradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Eilg air cladach Bàgh Ghleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1920an

Clachan; Taigh-feachd Bheàrnaraigh; dùn; dùin; An t-Eilean Sgitheanach; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Gleann Eilg air cladach Bàgh Ghleann Eilg.<br /> <br /> 'S e baile beag a th' ann an Gleann Eilg agus tha e a' coimhead a-null chun an Eilein Sgitheanaich. Tha am muir air trì taobhannan dheth - Loch Dubhthaich, Linne Shlèite agus Loch Shuirn. Chan eil ach aon rathad a' dol ann thar Màm Ràtagain à Gleann Seile. B' e an Clachan a bha air chun an 18mh linn. Dh'fhàs am baile mu chuairt na h-eaglais agus dh'fhàs e na bu mhotha nuair a thogadh Taigh-feachd Bheàrnaraigh ann an 1717. Tha am baile ainmeil airson dà dhùn, ann an deagh staid, a bhuineas do Linn an iarainn. <br /> B' ann an seo a bhiodh na dròbhairean ag aiseag a' chruidh eadar An t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. Tha bàta beag fhathast air an t-slighe as t-samhradh