Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caitrìona Mhoireasdan, Port nan Long, breabadaireachd, 1933
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0136
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
1933
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32029
KEYWORDS
Clò na Hearadh
fighe
Roinn an Àiteachais
Leòdhas
Na Hearadh
Scalpaigh
croitearachd
iasgach
cairtean
clòithean
Catherine Morrison, Portnalong, weaving, 1933

Tha a' chairt seo a' sealltainn clò na Hearadh ga fhighe ann am Port nan Long anns an Eilean Sgitheanach. Tha Port nan Long air oir Loch Hàrport. Anns na 1920an, thug Roinn an Àiteachais teaghlaichean an seo bho Leòdhas, na Hearadh agus Sgalpaigh, a bha gann de dh'àite dhan t-sluagh. Thogadh bothain de dh'iarann preasach anns an eilean gus fasgadh a thoirt dha na teaghlaichean, gus am faigheadh iad cothrom taighean a thogail dhaibh fhèin. Chithear fhathast cuid de na bothain seo

Fhuair gach teaghlach eadar 15 agus 20 acair de dh'fhearann, trì mairt, agus roinn de dh'ionaltradh-chaorach anns an robh grunn mhìltean acraichean. Bhathar an dùil gum faigheadh gach teaghlach beò-shlaint bho chroitearachd, iasgach, agus fighe clòimhe. Gach bliadhna gu 1939, bha cruinneachadh ann am Port nan Long, far an creicte clòimhean. An dèidh an Dara Cogaidh, dh'fhàs fighe na clòimhe pailt a-rithist, agus bhite a' cur mòran dhith a-null a dh'Ameireaga.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caitrìona Mhoireasdan, Port nan Long, breabadaireachd, 1933

INBHIR NIS: Bracadal

1930an

Clò na Hearadh; fighe; Roinn an Àiteachais; Leòdhas; Na Hearadh; Scalpaigh; croitearachd; iasgach; cairtean; clòithean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn clò na Hearadh ga fhighe ann am Port nan Long anns an Eilean Sgitheanach. Tha Port nan Long air oir Loch Hàrport. Anns na 1920an, thug Roinn an Àiteachais teaghlaichean an seo bho Leòdhas, na Hearadh agus Sgalpaigh, a bha gann de dh'àite dhan t-sluagh. Thogadh bothain de dh'iarann preasach anns an eilean gus fasgadh a thoirt dha na teaghlaichean, gus am faigheadh iad cothrom taighean a thogail dhaibh fhèin. Chithear fhathast cuid de na bothain seo<br /> <br /> Fhuair gach teaghlach eadar 15 agus 20 acair de dh'fhearann, trì mairt, agus roinn de dh'ionaltradh-chaorach anns an robh grunn mhìltean acraichean. Bhathar an dùil gum faigheadh gach teaghlach beò-shlaint bho chroitearachd, iasgach, agus fighe clòimhe. Gach bliadhna gu 1939, bha cruinneachadh ann am Port nan Long, far an creicte clòimhean. An dèidh an Dara Cogaidh, dh'fhàs fighe na clòimhe pailt a-rithist, agus bhite a' cur mòran dhith a-null a dh'Ameireaga.