Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Elsie Cormack mu bhiadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF03_TRACK03_CORMACK
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Elsie Cormack
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3204
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cùmhnadh
cuibhreannan
rations dèanamh suaip
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Elsie Cormack den bheachd nach robh iad ro dhona a thaobh biadh ann an Gallaibh san Dàrna Cogadh.

Eil fhios agaibh, gheibheadh tu rudeigin, mar, fiach an tasdain de dh'fheòil-mhairt, ach, eil thu faicinn, cha dèan thu beachd air an-diugh - dè na th' ann am fiach tasdain de dh'fheòil-mhairt. Ach cha robh sinne cho dona dheth a thaobh cùmhnadh, rationing, shuas an seo gu tuath ann an Inbhir Theòrsa no Inbhir Ùige a chionns gu robh a' mhuir againn agus gheibheadh sinn iasg uair sam bith. Eil fhios agad, ma bha e ann, gheibheadh sinn iasg. 'S dòcha gum faigheadh tu iasg na bu trice na luthaigeadh tu ach bha e math dhut, math dhan eanchainn. An uairsin bha tuathanais timcheall oirnn 's mar sin gheibheadh tu uighean, agus glasraich, eil fhios agaibh - snèip is buntàta agus an còrr dheth 's mar sin cha b' e sinne a bu mhiosa dheth aig àm a' chogaidh. 'S e an fheadhainn a bha a' fuireach sna bailtean mòra a bu mhiosa, dh'fhaodadh tusa a dhol dhan bhuidsear. Mar a thuirt cuideigin an seo an Inbhir Theòrsa dìreach bho chionn ghoirid, thuirt e, cha robh cus airgid aig daoine, bha airgead - bhiodh iad a' dèanamh barrachd suaip de rudan na dèiligeadh le airgead. Ach dh'fhaodadh tu a dhol dhan bhuidsear agus gheibheadh tu leth-phunnd isbeanan, mar eisimpleir, agus cnàimh. Eil thu 'faicinn, ach bha sin mus robh BSE ann agus dh'fhaodadh tu cnàimh fhaighinn. Uill, dhèanadh do mhàthair prais àlainn de bhrot nam faigheadh i, rud a chanadh iad 'nap bone' - dhèanadh e drùdhag bhlasta de bhrot. Agus an uairsin gheibheadh tu isbean às a dhèidh no rudeigin. Uill, sin thu air do bhiadhadh. Agus gheibheadh tu buntàta 's a h-uile seòrsa rud.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Elsie Cormack mu bhiadh aig àm a' chogaidh

GALLAIBH: Inbhir Ùige

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cùmhnadh; cuibhreannan; rations dèanamh suaip; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Elsie Cormack den bheachd nach robh iad ro dhona a thaobh biadh ann an Gallaibh san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Eil fhios agaibh, gheibheadh tu rudeigin, mar, fiach an tasdain de dh'fheòil-mhairt, ach, eil thu faicinn, cha dèan thu beachd air an-diugh - dè na th' ann am fiach tasdain de dh'fheòil-mhairt. Ach cha robh sinne cho dona dheth a thaobh cùmhnadh, rationing, shuas an seo gu tuath ann an Inbhir Theòrsa no Inbhir Ùige a chionns gu robh a' mhuir againn agus gheibheadh sinn iasg uair sam bith. Eil fhios agad, ma bha e ann, gheibheadh sinn iasg. 'S dòcha gum faigheadh tu iasg na bu trice na luthaigeadh tu ach bha e math dhut, math dhan eanchainn. An uairsin bha tuathanais timcheall oirnn 's mar sin gheibheadh tu uighean, agus glasraich, eil fhios agaibh - snèip is buntàta agus an còrr dheth 's mar sin cha b' e sinne a bu mhiosa dheth aig àm a' chogaidh. 'S e an fheadhainn a bha a' fuireach sna bailtean mòra a bu mhiosa, dh'fhaodadh tusa a dhol dhan bhuidsear. Mar a thuirt cuideigin an seo an Inbhir Theòrsa dìreach bho chionn ghoirid, thuirt e, cha robh cus airgid aig daoine, bha airgead - bhiodh iad a' dèanamh barrachd suaip de rudan na dèiligeadh le airgead. Ach dh'fhaodadh tu a dhol dhan bhuidsear agus gheibheadh tu leth-phunnd isbeanan, mar eisimpleir, agus cnàimh. Eil thu 'faicinn, ach bha sin mus robh BSE ann agus dh'fhaodadh tu cnàimh fhaighinn. Uill, dhèanadh do mhàthair prais àlainn de bhrot nam faigheadh i, rud a chanadh iad 'nap bone' - dhèanadh e drùdhag bhlasta de bhrot. Agus an uairsin gheibheadh tu isbean às a dhèidh no rudeigin. Uill, sin thu air do bhiadhadh. Agus gheibheadh tu buntàta 's a h-uile seòrsa rud.<br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.