Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Thom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0146
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32041
KEYWORDS
slighean-uisge
Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir
bàtaichean
bàta
drochaidean
cairtean-puist
Tomnahurich Bridge, Inverness

Sa chairt-phuist seo chithear Drochaid Thom na h-Iùbhraich thar Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir. Chaidh drochaid eile, a chaidh a dhealbh le Crouch agus Hogg, a chur na h-àite ann an 1937. Buinidh an taigh do 1813 agus 's iongantach mura h-e taigh fear na drochaid a th' ann.

Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearsdan ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail ach am biodh e leathann gu leòr ann an àitichean airson soithichean ghunnaichean a' Chabhlaich Rìghail aig àm Cogadh napoleon. Dheigheadh aig soithichean air cabhlach na Frainge agus uisge fiadhaich Chaolas Arcaibh a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid as motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Ddabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glas san t-sligh'-uisge, 'Neptune's Staircase', sreath de 8 glasan aig Bainbhidh nam measg. Chaidh planaichean airson na sligh'-uisge ullachadh cho fada air ais ri 1773 le SeumasWatt ach deach tòiseachadh air an obair gu 1803. B' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann an uair sin. Chaidh pàirt dhen t-sligh'-uisge fhosgladh ann an 1822, agus chaidh crìoch a chur air ann an 1843-47

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Thom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an; 1920an

slighean-uisge; Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir; bàtaichean; bàta; drochaidean; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Drochaid Thom na h-Iùbhraich thar Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir. Chaidh drochaid eile, a chaidh a dhealbh le Crouch agus Hogg, a chur na h-àite ann an 1937. Buinidh an taigh do 1813 agus 's iongantach mura h-e taigh fear na drochaid a th' ann.<br /> <br /> Tha Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearsdan ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail ach am biodh e leathann gu leòr ann an àitichean airson soithichean ghunnaichean a' Chabhlaich Rìghail aig àm Cogadh napoleon. Dheigheadh aig soithichean air cabhlach na Frainge agus uisge fiadhaich Chaolas Arcaibh a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid as motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Ddabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glas san t-sligh'-uisge, 'Neptune's Staircase', sreath de 8 glasan aig Bainbhidh nam measg. Chaidh planaichean airson na sligh'-uisge ullachadh cho fada air ais ri 1773 le SeumasWatt ach deach tòiseachadh air an obair gu 1803. B' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann an uair sin. Chaidh pàirt dhen t-sligh'-uisge fhosgladh ann an 1822, agus chaidh crìoch a chur air ann an 1843-47