Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0147
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32042
KEYWORDS
eaglaisean
Àrd-Eaglais Shaor na h-Àlba
Eaglais Naomh Colum Cille
caistealan
Caisteal Inbhir Nis
Taigh na Cùirte
cairtean
stìoballan
View of Inverness from Huntly Street  ..

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh. Thall air an taobh chlì tha Àrd-eaglais Shaor na h-Alba a tha na h-Eaglais Choluim Cille a-nis. Tha I air làrach seann taigh-ghrùdaidh. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh "Perpendicular Gothic" le MacKenzie agus Mathews eadar 1851 agus 1852. Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953 ..

Ann am meadhan an deilbh, tha Stìoball Baile Inbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1791. Thall air an taobh dheas chithear Caisteal Inbhir Nis. Thogadh na togalaichean de chloich-ghainmhich a th' ann an-dràsta eadar 1833 agus 1836, a rèir deilbh a rinn Uilleam Burn à Dùn Èideann, ach bha caochladh dhaingnichean air an làrach bhon 11mh linn. An-diugh, tha an caisteal na ionad-rianachd agus na thaigh-cùirte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

eaglaisean; Àrd-Eaglais Shaor na h-Àlba; Eaglais Naomh Colum Cille; caistealan; Caisteal Inbhir Nis; Taigh na Cùirte; cairtean; stìoballan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de dh'Inbhir Nis bho Dhrochaid Hunndaidh. Thall air an taobh chlì tha Àrd-eaglais Shaor na h-Alba a tha na h-Eaglais Choluim Cille a-nis. Tha I air làrach seann taigh-ghrùdaidh. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh "Perpendicular Gothic" le MacKenzie agus Mathews eadar 1851 agus 1852. Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953 ..<br /> <br /> Ann am meadhan an deilbh, tha Stìoball Baile Inbhir Nis, a chaidh a thogail ann an 1791. Thall air an taobh dheas chithear Caisteal Inbhir Nis. Thogadh na togalaichean de chloich-ghainmhich a th' ann an-dràsta eadar 1833 agus 1836, a rèir deilbh a rinn Uilleam Burn à Dùn Èideann, ach bha caochladh dhaingnichean air an làrach bhon 11mh linn. An-diugh, tha an caisteal na ionad-rianachd agus na thaigh-cùirte.