Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de dh' Inbhir Nis bho Chnoc a' Chaisteil
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0148
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32043
KEYWORDS
Cathair-eaglaisean
Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra
Alexander Ross
cairtean
ailtire
ailtirean
View of Inverness from Castle Hill

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de Abhainn Nis, agus Inbhir Nis bho Chnoc a' Chaisteil. Air an taobh dheas, tha Cathair-eaglais an Naoimh Anndra.

Chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Anndra a thogail eadar 1866 agus 1869. Chaidh a dealbhachadh leis an ailtire Alexander Ross. Nuair a chaidh a coisrigeadh ann an 1874, b' I a' chiad chathair-eaglais a thogadh am Breatainn o àm an Ath-Leasachaidh.

Anns na planaichean a rinneadh o thùs, bha dà bhinnean de 100 troigh a dh'àirde, raon de chrom-chlachaireachd agus ionad-altair gu math na b' fhaide, ach cha do thogadh idir iad. Tha cuid dhen bheachd gun robh am plana stèidhichte air a' chathair-eaglais Ghotaich bhon 13mh linn ann am Moireibh.

Air a' bhogha mun uinneig air an raon-tarsainn, tha dealbh snaidhte de dh'each agus cairt. Tha cuid a' creidsinn gun do thogadh clachan don togail le roithlean agus roth, a bh' air a thionndadh le each. Greis mus do chuireadh crìoch air an togalach, thuit tè dhe na clachan agus mharbh i an t-each. Tha an dealbh-snaidhte mar chuimhne air bàs an eich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de dh' Inbhir Nis bho Chnoc a' Chaisteil

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1900an

Cathair-eaglaisean; Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra; Alexander Ross; cairtean; ailtire; ailtirean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection