Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de dh' Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0149
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32044
KEYWORDS
drochaidean
Drochaid Nis
Drochaid Sràid Ghreig
drochaidean crochte
Fùirneis Sràid Ròis
cairtean
View of Inverness

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de dh'Inbhir Nis. Ri aghaidh na deilbh, chithear Drochaid Nis a' dol tarsainn Abhainn Nis. Dh'fhosgladh I anns an Lùnastal 1855. 'S e drochaid chrochte a bh' innte anns an robh 68.5 meatar a dh'fhaid, agus thogadh I an àite drochaid a chaidh a sguabadh air falbh ann an tuiltean 1849. O nach b' urrainn dhi na bha ga cleachdadh a ghiùlain, dh'iarradh tairgsean ann an 1939 gus tè ùr a thogail na h-àite, ach cha do thòisich obair gu ceann 20 bliadhna.

Aig astar, chìthear Drochaid-Chrochte Sràid Ghreig, a thogadh ann an 1882, 'S e drochaid-cheum a th' innte, agus chaidh a dealbhachadh le C. R. Manners, agus a togail le Fùirneis Sràid Ròis. Tha i air a togail faisg air an làrach far an robh seann Drochaid Nis a bha de dh'fhiodh, agus a chaidh a sguabadh air falbh anns na tuiltean ann an 1620

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de dh' Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

drochaidean; Drochaid Nis; Drochaid Sràid Ghreig; drochaidean crochte; Fùirneis Sràid Ròis; cairtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de dh'Inbhir Nis. Ri aghaidh na deilbh, chithear Drochaid Nis a' dol tarsainn Abhainn Nis. Dh'fhosgladh I anns an Lùnastal 1855. 'S e drochaid chrochte a bh' innte anns an robh 68.5 meatar a dh'fhaid, agus thogadh I an àite drochaid a chaidh a sguabadh air falbh ann an tuiltean 1849. O nach b' urrainn dhi na bha ga cleachdadh a ghiùlain, dh'iarradh tairgsean ann an 1939 gus tè ùr a thogail na h-àite, ach cha do thòisich obair gu ceann 20 bliadhna.<br /> <br /> Aig astar, chìthear Drochaid-Chrochte Sràid Ghreig, a thogadh ann an 1882, 'S e drochaid-cheum a th' innte, agus chaidh a dealbhachadh le C. R. Manners, agus a togail le Fùirneis Sràid Ròis. Tha i air a togail faisg air an làrach far an robh seann Drochaid Nis a bha de dh'fhiodh, agus a chaidh a sguabadh air falbh anns na tuiltean ann an 1620