Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Phrìomh Shràid, Bail' Ùr an t-Slèibh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0162
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32059
KEYWORDS
bailtean
Stonemuir
sràidean
Bànrigh Bhictoria
cairtean-puist
Main Street, Newtonmore

Sa chairt-phuist seo chithear A' Phrìomh Shràid a' coimhead an iar ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh ann an ceann a deas Bhàideanaich is Srath Spè air ceann shuas an Spè. Chan eil lorg air baile ann am Bail' Ùr an t-Slèibh ro thoiseach an 19mh linn. Tha fianais again air tuineachaidhean ro-eachdraidheil agus bailtean tràth ann an Gleann Bheannchair a tha faisg air làimh. B' ann an dèidh drochaid a thogail air Abhainn Spè ann an 1756 agus an dèidh nam Fuadaichean deireadh an ochdamh linn deug a chaidh baile beag a thogail air an rathad ùr a tuath. A rèir na Treas Cunntas Stataistigeil chaidh am baile a shuidheachadh le Seumas Mac a' Phearsain, mac Sheumais Mhic a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" na dàin aig Oisean.

B' e Stonemuir a bha air bho thùs ach chaidh atharrachadh gu Newtownmore no Bail' Ùr an t-Slèibh ann an1828. Toiseach an 19mh linn bha na margaidhean sprèidh bu mhotha eadar Inbhir Nis agus An Eaglais Bhreac air an cumail an seo. Bha ùidh aig A' Bhànrigh Bhictoria sa Ghàidhealtachd agus smaoinich i fiù 's air Aird Mheirgidh a cheannach. Dh'fhàs Bail' Ùr an t-Slèibh mar sin na àite airson shaorlàithean le sealg is iasgach air na h-oighreachdan dha na h-uaislean

Tha am baile 800 troigh os cionn na mara. Tha am Monadhliath a' toirt fasgaidh dha on ghaoith a tuath agus tha am Monadh agus am Monadh Ruadh ga dhìon cuideachd. Thathar dhen bheachd gur e am baile beag, sàmhach seo a' chuid as fhaide a-staigh air an dùthaich ann an Alba agus gu bheil e letheach eadar An Cuan Siar agus An Cuan a Tuath. Tha e air àite cho tioram 's a th' ann an Alba. Tha daoine measail air a bhith ga thadhal airson an slàinte air sgàth na gnàth-shìde a th' ann agus chaidh rinn am BBC fiolmadh ann airson "Monarch of the Glen"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Phrìomh Shràid, Bail' Ùr an t-Slèibh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1950an

bailtean; Stonemuir; sràidean; Bànrigh Bhictoria; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection