Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Alasdair Mac an Tòisich mu bhiadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF03_TRACK04_MACKINTOSH
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alistair Mackintosh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3206
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cùmhnadh
cuibhreannan
rations
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Alasdair Mac an Tòisich a' cuimhneachadh air a' bhiadh ann an ostail sgoile an Inbhir Nis san Dàrna Cogadh.

Ma bha thu a' fuireach air tuathanas bha thu a' dèanamh glè mhath; bha a h-uile seòrsa rud ga fhàs aig an taigh agad. Ach chaidh mise gu ostail. Dh'fheumadh a h-uile duine taobh thall de dh'Allt Dobharaidh a dhol dhan ostail an Inbhir Nis. Bha clann Sganaidhport fortanach; fhuair iadsan cothrom siubhail. Ach bha seirbheis nam busaichean cho truagh 's gu feumadh tu a dhol a-steach dhan ostail seo. 'S e Drummond Park a th' air. Tha e fhathast ann air iomall bhaile Inbhir Nis. Agus bha sin gu math cruaidh. Thuirt feadhainn gu robh e na bu mhiosa na 'n arm. A h-uile seòrsa de na cuibhreannan - tha mi gan aithneachadh - a bha sinn a' bruidhinn air na bu tràithe, bha iad ann, agus aon rud a fhuair sinn gu h-àraid - na roilichean aosta a bha sin. Agus cha tàinig cloimh-liath orra; bha iad glè chruaidh. Agus chaidh sinn riutha ag ithe mar gun itheadh cù cnàimh agus chagainn sinn orra agus chòrd e ruinn a chionns, ma tha an t-acras ort - agus bha an t-acras oirnne - tha biadh sam bith math, roilichean aosta ann no às. Agus gun teagamh nam biodh cloimh-liath air fàs orra bhiodh iad dona dhuinn, ach tha e coltach dìreach gun do dh'fhàs iad cruaidh - agus mar sin cha b' e iongantas a bh' ann ag ithe seann roilichean, ach chum e a' dol sinn.

Aon rud nach fhaca duine tron chogadh b' e sin banana. Agus eil fhios agad nuair a thèid thu a-steach dhan supermarket an-diugh chì thu làn sgeilpichean de bhananathan. Cha robh gin ann. Chaidh an tarraing a-steach bho thall thairis 's mar sin cha robh àite ann do bhananathan. Ach bha ùbhlan agus 's dòcha peuran a chaidh am fàs aig an taigh. Chan eil cuimhn' agam idir air orains fhaighinn - cha chreid mi gu robh, ach gu cinnteach gin a bhanana. Cha robh iad air a' chlàr-bìdh. Ach dh'itheadh sinn ùbhlan-còcaireachd, eil fhios agad, an fheadhainn James Grieve a tha sin a chuireadh d' fhiaclan searbh, dh'itheadh sinn iad. Nuair a tha thu leis an acras ithidh tu - agus chan fhaca sinn idir duine reamhar san sgìre sna làithean ud, agus faodaidh mi sin a ràdh gu fìrinneach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Allt Dobhraig.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Alasdair Mac an Tòisich mu bhiadh aig àm a' chogaidh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cùmhnadh; cuibhreannan; rations; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)