Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Goillspidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0181
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32079
KEYWORDS
bailtean-iasgaich
Fuadaichean na Gàidhealtachd
An Rèile a Tuath
colaistean
sgoiltean
cairtean
rèilichean
Golspie

Tha a' chairt seo a' sealltainn baile Ghoillspidh, ann an Cataibh. Tha am baile 11 mìle o Dhòrnach, agus chaidh a stèidheachadh tràth anns an 19mh linn.

'S e baile beag iasgaireachd a bh' ann an Goillspidh o thùs, anns nach robh ach beagan de thaighean-tughaidh, ach air sgàth buaidh nam Fuadaichean, dh'fhàs am baile gu luath. Chaidh daoine fhuadach bho na srathan faisg air làimh, gu h-àraidh on Luirg, agus thàinig iad a dh'fhuireach ann an sràidean ùra Ghoillspidh. Mu 1830-1840, bha 450 neach a' fuireach anns a' bhaile, agus am measg nan goireasan a bh' ann, bha oifis a' phuist, banca, taighean-seinnse, sgoil agus muileann a bha faisg air làimh

Rinneadh leasachadh a-rithist air Goillspidh ann an 1868 nuair a chaidh e na cheann-ùidhe dhan Rèile a Tuath. Ann an 1903, thogadh colaiste teignigeach sa bhaile, a tha an-diugh na phàirt de dh'Àrd-sgoil Ghoillspidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Goillspidh

CATAIBH: Goillspidh

1890an

bailtean-iasgaich; Fuadaichean na Gàidhealtachd; An Rèile a Tuath; colaistean; sgoiltean; cairtean; rèilichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn baile Ghoillspidh, ann an Cataibh. Tha am baile 11 mìle o Dhòrnach, agus chaidh a stèidheachadh tràth anns an 19mh linn.<br /> <br /> 'S e baile beag iasgaireachd a bh' ann an Goillspidh o thùs, anns nach robh ach beagan de thaighean-tughaidh, ach air sgàth buaidh nam Fuadaichean, dh'fhàs am baile gu luath. Chaidh daoine fhuadach bho na srathan faisg air làimh, gu h-àraidh on Luirg, agus thàinig iad a dh'fhuireach ann an sràidean ùra Ghoillspidh. Mu 1830-1840, bha 450 neach a' fuireach anns a' bhaile, agus am measg nan goireasan a bh' ann, bha oifis a' phuist, banca, taighean-seinnse, sgoil agus muileann a bha faisg air làimh<br /> <br /> Rinneadh leasachadh a-rithist air Goillspidh ann an 1868 nuair a chaidh e na cheann-ùidhe dhan Rèile a Tuath. Ann an 1903, thogadh colaiste teignigeach sa bhaile, a tha an-diugh na phàirt de dh'Àrd-sgoil Ghoillspidh.