Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Iris Barclay mu bhiadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF03_TRACK05_BARCLAY
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Iris Barclay
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3208
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
nèibhidh
cabhlach marsanta
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Iris Barclay ag innse mar a thigeadh soithichean thairis air a' Chuan Shiar san Dàrna Cogadh le biadh airson nan daoine am Breatainn.

Eil fhios aig duine mar a fhuair sinn ar biadh? Mar nach do bhàsaich sinn leis an acras? Chan eil? Bha na soithichean marsanta seo againn a bha a' dol a-null 's a-nall dha na Stàitean Aonaichte, astar de 3000 mìle - tha fios agam, tha mi air a dhèanamh tric gu leòr - agus dh'fheumadh soitheach dìonaidh a bhith aca. Eil fhios agad de th' ann an 'escort'? A chionns ma chaidh an cur fodha, cha bhiodh biadh gu leòr againn. Agus dh'fheumadh soithichean an nèibhidh, tha fios agad, na bàtaichean-cogaidh len gunnaichean 's a h-uile rud - agus bha iadsan ceithir-thimcheall air an, 's e an Queen Mary a bh' ann, agus chaidh iadsan uile timcheall air a' Qhueen Mary, agus thug iad ann i, 's i an rud a bu luaithe sa mhuir. Chaidh a togail air Abhainn Chluaidh agus rinn i turas an dèidh turais, oir tha fios agam bhon thuirt mo bhràthair-cèile - am fear air a robh mi a' bruidhinn a phòs mo phiuthar - thàinig esan a-null oirre agus bha i cho luath 's gu bheil gràin aige do shoithichean a-riamh on uairsin. Agus thug iad am biadh a-null agus cha deach i idir a chur fodha. Agus na bàtaichean-cogaidh nan cois, air ais 's air adhart dha na Stàitean agus a Chanada a' toirt leotha ar biadh gus nach tigeadh an t-acras oirnn.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Iris Barclay mu bhiadh aig àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; nèibhidh; cabhlach marsanta; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Iris Barclay ag innse mar a thigeadh soithichean thairis air a' Chuan Shiar san Dàrna Cogadh le biadh airson nan daoine am Breatainn.<br /> <br /> Eil fhios aig duine mar a fhuair sinn ar biadh? Mar nach do bhàsaich sinn leis an acras? Chan eil? Bha na soithichean marsanta seo againn a bha a' dol a-null 's a-nall dha na Stàitean Aonaichte, astar de 3000 mìle - tha fios agam, tha mi air a dhèanamh tric gu leòr - agus dh'fheumadh soitheach dìonaidh a bhith aca. Eil fhios agad de th' ann an 'escort'? A chionns ma chaidh an cur fodha, cha bhiodh biadh gu leòr againn. Agus dh'fheumadh soithichean an nèibhidh, tha fios agad, na bàtaichean-cogaidh len gunnaichean 's a h-uile rud - agus bha iadsan ceithir-thimcheall air an, 's e an Queen Mary a bh' ann, agus chaidh iadsan uile timcheall air a' Qhueen Mary, agus thug iad ann i, 's i an rud a bu luaithe sa mhuir. Chaidh a togail air Abhainn Chluaidh agus rinn i turas an dèidh turais, oir tha fios agam bhon thuirt mo bhràthair-cèile - am fear air a robh mi a' bruidhinn a phòs mo phiuthar - thàinig esan a-null oirre agus bha i cho luath 's gu bheil gràin aige do shoithichean a-riamh on uairsin. Agus thug iad am biadh a-null agus cha deach i idir a chur fodha. Agus na bàtaichean-cogaidh nan cois, air ais 's air adhart dha na Stàitean agus a Chanada a' toirt leotha ar biadh gus nach tigeadh an t-acras oirnn. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.