Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Iain Ghròt
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0185
ÀITE
Taigh Iain Ghròt
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32082
KEYWORDS
cidheachan
giomaich
crùbagan
iasgach
Jan de Groot
aiseagan
cairtean
The pier at John O' Groats

Tha a' chairt seo a' sealltainn a' chidhe an Taigh Iain Ghròt. Tha pìos air a chur ris a' chidhe seach mar a bha e o thùs. Bidh iasgairean a bhios a' glacadh ghiomach is chrùbagan a' cleachdadh a' chala bhig. Bidh aiseag cuideachd a' falbh à Taigh Iain Ghròt, a' tarraing dhaoine aig nach eil càraichean tarsainn gu Arcaibh, eadar an Cèitean agus an t-Sultainn.

'S e Taigh Iain Ghròt am baile is fhaide tuath air tìr mòr Bhreatainn. Thàinig ainm bho Jan de Groot, fear Duitseach a thàinig dhan sgìr anmoch 's a chòigeamh linn deug. Ann an 1486, fhuair De Groot a' chiad chead oifigail aiseag a chuir an sàs eadar Taigh Iain Ghròt agus Arcaibh

Tha beul-aithris an sgìre ag ràdh gun do thog am fear Duitseach seo taigh le ochd taobhan an Taigh Iain Ghròt, le bòrd ochd-thaobhach na bhroinn, far am b' urrainn dha suidhe ag ithe le ochd mhic. Bha seo a' cuir stad air argumaidean sam bith mu chò a b' fhaisge ri ceann a' bhùird, agus a' leigeil leis na mic gu lèir a bhi dhlùth rin athair. Thathar dhen bheachd gu bheil Taigh-Òsta Thaigh Iain Ghròt anns an àite far an robh an taigh. Tha pòla-sròl aig taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich, agus tha an cumadh ochd-taobhach a bh' air an taigh air a thoirt am follais ann an ailtireachd an taigh-òsta.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Iain Ghròt

GALLAIBH: Canasbaigh

1930an

cidheachan; giomaich; crùbagan; iasgach; Jan de Groot; aiseagan; cairtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn a' chidhe an Taigh Iain Ghròt. Tha pìos air a chur ris a' chidhe seach mar a bha e o thùs. Bidh iasgairean a bhios a' glacadh ghiomach is chrùbagan a' cleachdadh a' chala bhig. Bidh aiseag cuideachd a' falbh à Taigh Iain Ghròt, a' tarraing dhaoine aig nach eil càraichean tarsainn gu Arcaibh, eadar an Cèitean agus an t-Sultainn.<br /> <br /> 'S e Taigh Iain Ghròt am baile is fhaide tuath air tìr mòr Bhreatainn. Thàinig ainm bho Jan de Groot, fear Duitseach a thàinig dhan sgìr anmoch 's a chòigeamh linn deug. Ann an 1486, fhuair De Groot a' chiad chead oifigail aiseag a chuir an sàs eadar Taigh Iain Ghròt agus Arcaibh<br /> <br /> Tha beul-aithris an sgìre ag ràdh gun do thog am fear Duitseach seo taigh le ochd taobhan an Taigh Iain Ghròt, le bòrd ochd-thaobhach na bhroinn, far am b' urrainn dha suidhe ag ithe le ochd mhic. Bha seo a' cuir stad air argumaidean sam bith mu chò a b' fhaisge ri ceann a' bhùird, agus a' leigeil leis na mic gu lèir a bhi dhlùth rin athair. Thathar dhen bheachd gu bheil Taigh-Òsta Thaigh Iain Ghròt anns an àite far an robh an taigh. Tha pòla-sròl aig taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich, agus tha an cumadh ochd-taobhach a bh' air an taigh air a thoirt am follais ann an ailtireachd an taigh-òsta.