Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Urchardainn faisg air Inbhir Nis
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0186
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32083
KEYWORDS
Caisteal Urchardainn
Loch Nis
Alan Durward
Cogaidhean na Saorsa
Tighearna nan Eilean
caistealan
cairtean-puist
Urquhart Castle near Loch Ness

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Urchardainn faisg air Inbhir Nis. Ged a lorgadh fianais gu robh dùn an seo ann an Linn an iarainn, tha an fhianais sgrìobhte as tràithe mu chaisteal a' nochdadh mu 1200. Buinidh cuid dhen tobhta a th' ann an-diugh do dhaingneachd san 13mh linn a bha aig Alan Durward bho 1229. Bha seo air an tom a b' àirde agus b' e daingneachd le ballachan cloiche a bh' ann.

A bharrachd air an daingneachd, buinidh a' chuid as motha dhe na tobhtaichean eile dhan 14mh linn. Thugadh ionnsaigh air a' chaisteal iomadh uair na eachdraidh agus chaidh a ghlacadh agus ath-ghlacadh le Albannaich agus Sasannaich aig àm Cogaidhean na Saorsa. Thug Tighearna nan Eilean ionnsaigh air ann an 1513 agus chaidh an sgìre air fad a sgrios. Aig deireadh an t-17mh linn, chaidh an caisteal a lìonadh le stuth-spreadhaidh agus a chur na smàl gus nach deigheadh aig na Seumasaich air a chleachdadh.

Eadar 1912 agus 1922, chaidh an caisteal a chladhach agus a chàradh. Tha e a-nis fo riaghladh Alba Eachdraidheil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Urchardainn faisg air Inbhir Nis

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1950an

Caisteal Urchardainn; Loch Nis; Alan Durward; Cogaidhean na Saorsa; Tighearna nan Eilean; caistealan; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Urchardainn faisg air Inbhir Nis. Ged a lorgadh fianais gu robh dùn an seo ann an Linn an iarainn, tha an fhianais sgrìobhte as tràithe mu chaisteal a' nochdadh mu 1200. Buinidh cuid dhen tobhta a th' ann an-diugh do dhaingneachd san 13mh linn a bha aig Alan Durward bho 1229. Bha seo air an tom a b' àirde agus b' e daingneachd le ballachan cloiche a bh' ann.<br /> <br /> A bharrachd air an daingneachd, buinidh a' chuid as motha dhe na tobhtaichean eile dhan 14mh linn. Thugadh ionnsaigh air a' chaisteal iomadh uair na eachdraidh agus chaidh a ghlacadh agus ath-ghlacadh le Albannaich agus Sasannaich aig àm Cogaidhean na Saorsa. Thug Tighearna nan Eilean ionnsaigh air ann an 1513 agus chaidh an sgìre air fad a sgrios. Aig deireadh an t-17mh linn, chaidh an caisteal a lìonadh le stuth-spreadhaidh agus a chur na smàl gus nach deigheadh aig na Seumasaich air a chleachdadh. <br /> <br /> Eadar 1912 agus 1922, chaidh an caisteal a chladhach agus a chàradh. Tha e a-nis fo riaghladh Alba Eachdraidheil