Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta-smùide a' tighinn a-steach tro na geataichean air an t-slighe-uisge aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0191
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32089
KEYWORDS
Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir, slighean-uisge
geataichean, Tòmas Telford
bàtaichean
cairtean
Steam boat entering the canal locks at Fort Augustus

Tha a' chairt seo a' sealltainn bàta-smùide a' tighinn a-steach gu Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir aig Cille Chuimein. Tha sreath de chòig geataichean sa bhaile, o na tha an t-Slighe-Uisge a' teàrnadh gu Loch Nis.

Tha Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire an Inbhir Nis, agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Thogadh i farsainn gu leòr ann an àiteachan gus longan beaga aig a' Chabhlach Rìoghail a ghabhail ri linn Cogadh Napoleon. B' urrainn dha na bàtaichean An Caol Arcach stoirmeil agus an chabhlach Frangach a sheachnadh. Tha faid na Sligh'-Uisge a' gabhail a-steach lochan a bh' ann o thùs - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 geata anns an t-sligh'-uisge, nam measg "Staighre Neptune", sreath de dh'ochd geataichean am Banbhaidh. Rinn Seumas Watt dealbhachadh airson na sligh'-uisge cho tràth ri 1773, ach cha do thòisich obair gus 1803, agus an uairsin b' iad Jessop agus Telford na dealbhadairean. Dh'fhosgladh pàirt dhen t-sligh'-uisge ann an 1822, ach chuireadh crìoch oirre ann an 1843-47

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta-smùide a' tighinn a-steach tro na geataichean air an t-slighe-uisge aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1920an; 1930an

Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir, slighean-uisge; geataichean, Tòmas Telford; bàtaichean; cairtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn bàta-smùide a' tighinn a-steach gu Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir aig Cille Chuimein. Tha sreath de chòig geataichean sa bhaile, o na tha an t-Slighe-Uisge a' teàrnadh gu Loch Nis.<br /> <br /> Tha Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire an Inbhir Nis, agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Thogadh i farsainn gu leòr ann an àiteachan gus longan beaga aig a' Chabhlach Rìoghail a ghabhail ri linn Cogadh Napoleon. B' urrainn dha na bàtaichean An Caol Arcach stoirmeil agus an chabhlach Frangach a sheachnadh. Tha faid na Sligh'-Uisge a' gabhail a-steach lochan a bh' ann o thùs - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 geata anns an t-sligh'-uisge, nam measg "Staighre Neptune", sreath de dh'ochd geataichean am Banbhaidh. Rinn Seumas Watt dealbhachadh airson na sligh'-uisge cho tràth ri 1773, ach cha do thòisich obair gus 1803, agus an uairsin b' iad Jessop agus Telford na dealbhadairean. Dh'fhosgladh pàirt dhen t-sligh'-uisge ann an 1822, ach chuireadh crìoch oirre ann an 1843-47