Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu dhraibheadh aig àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF04_TRACK01_NEWELL
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mrs E J Newell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3209
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cùmhnadh
cuibhreannan
rations
dubhadh-às
black-out
càraichean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha a' Bh-ph E J Newell a' bruidhinn air an t-suidheachadh a thaobh draibheadh aig àm a' chogaidh.

Agus mar tha fhios, sna làithean ud cha robh càraichean againn; bha glè bheag de chàraichean ann an Crombagh. Bha càr agamsa bhon dh'fheumainn a dhol dhan Chananaich ach, och tha mi cinnteach gum bi càr aig cha mhòr a h-uile màthair agaibh agus aig d' athair, ach cha robh sna làithean sin. San t-sràid far an robh mise a' fuireach bha càr agamsa - ach cha robh aig duine sam bith eile. San sgoil bhiodh càr 's dòcha aig ceannard na sgoile agus bha dìreach aon tidsear eile ann aig an robh càr. An-diugh, tha fhios, tha càr aig a h-uile duine a th' ann. Ach cha b'urrainn dhut a dhol far an togradh tu an uairsin bhon bha am peatrail air a chùmhnadh, 's mar sin cha b' urrainn dhut togail ort gu Inbhir Nis, dhan Mhanachainn neo a dh' Inbhir Pheofharain. Dh'fheumadh tu dhol - chan fhaodainnsa a dhol ach dhan Chananaich 's air ais. Agus a' falbh ann an càr sa gheamhradh, cha robh e ro chàilear, a chionns gun tig an sneachd sa gheamhradh agus cha toil leinn a dhol a-mach ann an càr san t-sneachd. Agus sna làithean ud cha robh crainn-treabhaidh sneachda ann idir - cha robh aig àm a' chogaidh - cha lorgadh idir sailleadh no gainmheach air rathad. Mar sin a' dol a-null dhan Chananaich, bha e dìreach glè, glè dhuilich agus na bu mhiosa air an oidhche, oir air an oidhche, nuair a thèid do mhamaidh no do dhadaidh a-steach dhan chàr aca, dè na rudan a nì iad an-toiseach?

A' cur air an teas?

Bidh iad a' cur air an t-einnsean agus an uairsin cuiridh iad air na solais-toisich. Ach rè a' chogaidh, air na solais sin bha còmhdach dubh le dìreach loidhne fosgailte sìos am meadhan,mar sin bhiodh tu a' draibheadh gu math, gu math faicilleach. Cha b' e spòrs a bh' ann a' draibheadh sa gheamhradh. Tha fhios gu robh e math, math as t-samhradh, ach cha robh sa gheamhradh. Sin mar a bha e rè a' chogaidh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chrombaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu dhraibheadh aig àm a' chogaidh

ROS: Crombaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cùmhnadh; cuibhreannan; rations; dubhadh-às; black-out; càraichean; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)