Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0192
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32090
KEYWORDS
caistealan
Clann IcLeòid
Bratach Shìdhe
cairtean-puist
Dunvegan Castle

Sa chairt-phuist seo chithear Caisteal Dùn Bheagain. Seach gu bheil am muir an ìre mhath mòr thimcheall air, tha Caisteal Dùn Bheagain air a dheagh uidheamachadh airson e fhèin a dhìon bho ionnsaigh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail sa 15mh linn agus chaidh cur ris anns gach linn. B' e cathair Chlann icLeòid a bh' ann agus bidh mòran-luchd-turais ga thadhal an-diugh.

Tha an caisteal air a chuartachadh air trì taobhannan le creagan agus uisge Loch Dùn Bheagain agus air an taobh eile le dreàna dhomhainn, agus tha an caisteal furasta a dhìon. B' e an aon dòigh a-steach an geàta airson nam bàtaichean a bha a' coimhead dhan fhairge. Ann an 1748 chaidh drochaid a thogail a bha a 'dol tarsainn air an dreàna agus cha robh feum air a' gheàta tuilleadh.

Tha ionad-dìon ann an Dùn Bheagan a chaidh a thogail anns a' 14mh linn. B' e Calum an trìtheamh ceannard air Clann 'Ic Leòid a thog e. Tha e 15 meatairean de dh' àirde agus tha na ballachan 3 meatairean de leud. B' ann an seo a bha an toll-dubh agus rumannan glaiste, an talla mhòr, agus na seòmraichean cadail. Chaidh na binnein am muigh agus an tùr-amhairc a thogail an dèidh sin. Cha deach obair a dhèanamh ris an ionad gleidhidh seo ach gun deach mullach ùr a chur air ann an 1790.

Aig a' cheann eile, air taobh an ear an togalaich, tha an Tùr Shìdhe a chaidh a thogail mu 1500 le Alasdair Crotach,an t-8mh ceann cinnidh. Seo far a bheil na rumannan làitheil. 'S dòcha gun tàinig an t-ainm an Tur Shìdhe bhon Bhratach Shìdhe a bha cudromach ann an eachdraidh Chlann 'Ic Leòid. Tha am bratach co-dhiù 1,000 bliadhna a dh'aois agus tha e air aithris gu bheil cumhachd aig a' bhratach a tha air Clann 'Ic Leoid fhàgail slàn 's fallain aig Caisteal Dùn Bheagain thairis air na 1,000 bliadhna.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain

INBHIR NIS: Diùirinis

1940an; 1950an

caistealan; Clann IcLeòid; Bratach Shìdhe; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection