Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Iain Ghròt
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0200
ÀITE
Taigh Iain Ghròt
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32098
KEYWORDS
taighean-òsta
taighean-seinnse
Jan De Groot
cairtean-puist
John O'Groats

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh Iain Ghròt ann an Gallaibh. Beagan nas fhaide air falbh, tha Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt. Tha bàta air a beul foipe air an tràigh, agus 's dòcha gu bheilear ga cleachdadh mar shead no eadhon mar àite-còmhnaidh.

Chaidh an taigh-òsta a stèidheachadh ann an 1875 agus chaidh cur ris iomadach turas an dèidh sin. Tha an taigh-òsta air a stèidheachadh air làrach far an robh taigh air an robh, a rèir beul-aithris, ochd taobhannan agus a bh' air a thogail le Jan de Groot. Fhuair am baile ainm bhon Dùitseach sin.

Fhuair De Groot a' chiad cead gus bàt'-aiseag a ruith gu Arcaibh ann an 1486. Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do thog an Dùitseach taigh ochd-taobhach le bòrd ochd-taobhach na bhroinn gus am b' urrainn dha ithe còmhla ri ochd mhac fhèin. Bha seo a' cur stad air argamaidean mu cò a b' fhaisge air ceann a' bhùird agus bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na mic uile bàidh fhaighinn bho an athair. Tha pòla-brataich ri taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich far a bheilear dhen bheachd gun robh an taigh. Tha cumadh ochd-taobhach an togalaich air a riochdachadh le àiltireachd Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Iain Ghròt

GALLAIBH: Canasbaigh

1910an

taighean-òsta; taighean-seinnse; Jan De Groot; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh Iain Ghròt ann an Gallaibh. Beagan nas fhaide air falbh, tha Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt. Tha bàta air a beul foipe air an tràigh, agus 's dòcha gu bheilear ga cleachdadh mar shead no eadhon mar àite-còmhnaidh.<br /> <br /> Chaidh an taigh-òsta a stèidheachadh ann an 1875 agus chaidh cur ris iomadach turas an dèidh sin. Tha an taigh-òsta air a stèidheachadh air làrach far an robh taigh air an robh, a rèir beul-aithris, ochd taobhannan agus a bh' air a thogail le Jan de Groot. Fhuair am baile ainm bhon Dùitseach sin.<br /> <br /> Fhuair De Groot a' chiad cead gus bàt'-aiseag a ruith gu Arcaibh ann an 1486. Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do thog an Dùitseach taigh ochd-taobhach le bòrd ochd-taobhach na bhroinn gus am b' urrainn dha ithe còmhla ri ochd mhac fhèin. Bha seo a' cur stad air argamaidean mu cò a b' fhaisge air ceann a' bhùird agus bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na mic uile bàidh fhaighinn bho an athair. Tha pòla-brataich ri taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich far a bheilear dhen bheachd gun robh an taigh. Tha cumadh ochd-taobhach an togalaich air a riochdachadh le àiltireachd Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt