Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
"Tea Cottage" agus an caisteal aig Loch an Eilein, Rata Mhurchais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0201
ÀITE
Ràta Mhurchais
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32099
KEYWORDS
Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
Rata Mhurchais
"Tea Cottage"
Loch an Eilein
Seumasaich
Blàr Chrombail
Grannd
Dòmhnallach
Easbaig Mhoiribh
Iain Grannd, Fear Fraochaidh
cairtean
caistealan
lochan
Tea Cottage and castle at Loch an Eilein, Rothiemurchus

Tha a' chairt seo a' sealltainn "Tea Cottage" agus a' chaisteil aig Loch an Eilein, Rata Mhurchais. Tha Loch an Eilean ann am meadhan Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, faisg air an Aghaidh Mhòir.

Tha tobhta seann chaisteil, on 13mh linn, air an loch. Aig aon àm bha e na àite-dìona ri linn chogaidhean. Thug na Dòmhnallaich, a bha toirt taic dha na Seumasaich, ionnsaigh air a' chaisteal an dèidh Blàr Chrombail ann an 1690, ach ghlèidh na Granndaich e. Chaidh a chleachdadh gus prìosanaich Sheumasach a chumail anns an 18mh linn, ach an dèidh sin thuit e às a chèile. An-diugh, tha e toirt dìon do dh'eòin mar an iolair-uisge agus an trilleachan

Thogadh "Tea Cottage" anns an 19mh linn mar thaigh-cluiche dhan chloinn aig a' Ghranndach, Fear Rata Mhurchais.
Ri linn Bànrigh Bhictòria, chaidh a dhèanamh na bhùth tì, agus thogadh ceum aig taobh an loch far am faodadh boireannaich coiseachd nuair a bhiodh iad a' coimhead air na seallaidhean. Fhad 's a bhiodh iad an sin, bhiodh na fir aca a' sealg nam fiadh anns an sgìre ma chuairt.

Anns a' Mheadhan Linn, thàinig oighreachd Rata Mhurchais fo ùghdarras Easbaig Mhoiribh, nuair bha fearann Rata Mhurchais aig teaghlaichean Comyn agus Seathach. Anns an 16mh linn fhuair Iain Granndach, Fear Fraochaidh, an oighreachd dha mhac, a chaidh na chiad Fhear Rata Mhurchais. Ri linn eile thug Barantas Rìoghail am fearann gu lèir do na Granndaich, agus chum iad cùram na h-oighreachd fad còrr is 400 bliadhna.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

"Tea Cottage" agus an caisteal aig Loch an Eilein, Rata Mhurchais

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1890an

Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh; Rata Mhurchais; "Tea Cottage" ; Loch an Eilein; Seumasaich; Blàr Chrombail; Grannd; Dòmhnallach; Easbaig Mhoiribh; Iain Grannd, Fear Fraochaidh; cairtean; caistealan; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection