Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Glasan Slighe an Uisge, Cille Chuimein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0205
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32103
KEYWORDS
slighean-uisge
Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir
glas
glasan
capastain
Seanalair Wade
Diùc Chumberland
cairtean-puist
Canal Locks at Fort Augustus

Sa chairt-phuist seo chithear Glasan Slighe an Uisge ann an Cille Chuimein. Seo tè dhe na còig ghlasan sa bhaile far a bheil Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir a' tuiteam sìos do Loch Nis. Tha capastain na sligh'-uisge ris a' chliathaich. Bha capastain gan cleachdadh airson na glasan fhosgladh agus a dhùnadh mus robh innealan ann airson sin a dhèanamh. Bhiodh an luchd-obrachaidh a' coiseachd timcheall iomadh turas agus a' putadh a' chapastain. Mar sin, dh' fhosgladh agus dhùineadh na geatachan agus na pleadhain. Thòisich innealan gan obrachadh sna 1960an.

Tha Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire ann an Inbhir Nis agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail airson gum biodh e leathann gu leòr ann an cuid de dh'àitichean airson gun deigheadh aig soithichean-ghunnaichean a' Chabhlaich Rìoghail air a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Dheigheadh aig soithichean air Caolas Arcaibh agus Cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid sa motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Dhabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge, le 'Neptune's Staircase', (sreath de 8 ghlasan ann am Bainbhidh) nam measg. Chaidh tòiseachadh air an t-sligh'-uisge a dhealbhachadh ann an 1773 le Seumas Watt ach deach tòiseachadh air a thogail gu 1803 agus, an uair sin, b' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann. Chaidh cuid dheth fhosgladh ann an 1822 agus chuireadh crìoch air eadar 1843 is 1847.

Chaidh am baile seo ainmeachadh air Naomh Chuimein. Chaidh an t-ainm Cille Chuimein atharrachadh gu Fort Augustus san 18mh linn nuair a thog an Seanalair Wade dùn an sin ri taobh Loch Nis. Chaidh an dùn ainmeachadh air fear de mhic Sheòrais II air a bheil daoine eòlach an dèidh seo mar Diùc Chumberland, am 'buidsear' ainmeil a bh' aig Cuil Lodair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Glasan Slighe an Uisge, Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1940an; 1950an

slighean-uisge; Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir; glas; glasan; capastain; Seanalair Wade; Diùc Chumberland; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Glasan Slighe an Uisge ann an Cille Chuimein. Seo tè dhe na còig ghlasan sa bhaile far a bheil Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir a' tuiteam sìos do Loch Nis. Tha capastain na sligh'-uisge ris a' chliathaich. Bha capastain gan cleachdadh airson na glasan fhosgladh agus a dhùnadh mus robh innealan ann airson sin a dhèanamh. Bhiodh an luchd-obrachaidh a' coiseachd timcheall iomadh turas agus a' putadh a' chapastain. Mar sin, dh' fhosgladh agus dhùineadh na geatachan agus na pleadhain. Thòisich innealan gan obrachadh sna 1960an.<br /> <br /> Tha Shligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air A' Ghearasdan, ri Clach na h-Aire ann an Inbhir Nis agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Chaidh a thogail airson gum biodh e leathann gu leòr ann an cuid de dh'àitichean airson gun deigheadh aig soithichean-ghunnaichean a' Chabhlaich Rìoghail air a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Dheigheadh aig soithichean air Caolas Arcaibh agus Cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a bh' ann mu thràth a tha sa chuid sa motha dhen t-sligh'-uisge - Loch Dhabhach Phùir, Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 glasan air an t-sligh'-uisge, le 'Neptune's Staircase', (sreath de 8 ghlasan ann am Bainbhidh) nam measg. Chaidh tòiseachadh air an t-sligh'-uisge a dhealbhachadh ann an 1773 le Seumas Watt ach deach tòiseachadh air a thogail gu 1803 agus, an uair sin, b' e Jessop agus Telford an luchd-dealbhachaidh a bh' ann. Chaidh cuid dheth fhosgladh ann an 1822 agus chuireadh crìoch air eadar 1843 is 1847.<br /> <br /> Chaidh am baile seo ainmeachadh air Naomh Chuimein. Chaidh an t-ainm Cille Chuimein atharrachadh gu Fort Augustus san 18mh linn nuair a thog an Seanalair Wade dùn an sin ri taobh Loch Nis. Chaidh an dùn ainmeachadh air fear de mhic Sheòrais II air a bheil daoine eòlach an dèidh seo mar Diùc Chumberland, am 'buidsear' ainmeil a bh' aig Cuil Lodair