Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Fhlòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0219
ÀITE
Flòdaigearraidh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32117
KEYWORDS
Finnghal NicDhòmhnaill
Flòdaigearraidh
Seumasaich
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Blàr Chùil Lodair
taighean
taigh
cairtean-puist
Flodigarry Cottage, Skye

Sa chairt-phuist seo chithear Taigh Fionnghal NicDhòmhnaill ann am Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach. Thog Alasdair Livingstone Dòmhnallach (a bha càirdeach do Fhionnghal) Taigh-òsta Fhlòdaigearraidh ann an 1895 mar dhachaigh teaghlaich agus tha i ri taobh an taighe.

Bha Fionnghal a' fuireach san taigh airson grunnan bhliadhnaichean agus rugadh còignear dhen t-seachdnar chloinne aice an sin mus do ghluais i a Chinnseaborg ann an 1758. Bha e falamh fad cheudan bliadhna agus chaidh a leasachadh gu tur o chionn ghoirid.

Rugadh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Chaochail a h-athair goirid an dèidh a breith. Phòs a màthair a-rithist agus thogadh i le teaghlach de Chlann Ràghnaill. Fhuair i foghlam ann an Dùn Èideann.

Fhad 's a bha i a' coimhead air a bràthair ann an Uibhist a Deas ann an 1746, chuidich i Teàrlach Eideard Stiùbhart gu bhith a' teiche. Chuir i aodach na searbhanta aice 'Betty Burke' air a' phrionnsa airson gum faigheadh e dhan Eilean Sgitheanach. Chaidh
Fionnghal NicDhòmhnaill a chur an grèim airson a cuid sa ghnothaich. Chaidh a cur a Thùr Lunnainn ach chaidh a leigeil mu sgaoil goirid an dèidh an Indemnity Act 1747. An dèidh greis ann an Carolina a Tuath, chaidh i fhèin agus an teaghlach air ais a Chinnseaborg san Eilean Sgitheanach. Chaochail Fionnghal ann an 1790, agus chaidh carragh-cuimhne a thogail an toiseach ann an Cille Mhoire ann an 1871. Thuit seo leis a' ghaoith ann an 1879, ach chaidh crois ùr a thogail ann an 1880 agus a leasachadh ann an 1882. Tha an sgrìobhadh air an leac, a chaidh a sgrìobhadh leis an Dtr MacIain ag ràdh "Preserver of Prince Charles Edward Stuart. Her name will be mentioned in history, and if courage and fidelity be virtues, mentioned with honour"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Fhlòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1930an

Finnghal NicDhòmhnaill; Flòdaigearraidh; Seumasaich; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Blàr Chùil Lodair; taighean; taigh; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection