Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0220
ÀITE
Flòdaigearraidh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32118
KEYWORDS
Fionnghal NicDhòmhnaill, Flòdaigearraidh
Na Seumasaich
Teàrlach Eideart Stiùbhart
Blàr Chùl Lodair
cairtean-puist
Flora MacDonald's cottage at Flodigarry, Skye

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn an taighe aig Fionnghal NicDhòmhnaill ann am Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach. Tha Taigh-òsta Fhlòdaigearraidh, a chaidh a thogail le Alasdair MacDhùnLèibhe Dòmhnallach (a bha càirdeach do dh'Fhionnghal) ann an 1895 na thaigh prìobhaideach, air a thogail ri taobh an taighe.

Bha Fionnghal a' fuireach anns an taigh fad iomadach bliadhna agus rugadh còignear dhe a seachdnar chloinne an sin, mus do ghluais iad gu Cinnseaborg ann an 1758. Tha daoine air a bhith a' fuirech ann fad ceudan de bhliadhnaichean agus tha e air a bhith air ùrachadh bho chionn ghoirid.

Rugadh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Dh'eug a h-athair beagan an dèidh dhi a bhith air a breith, agus phòs a màthair a-rithist agus chaidh Fionnghal a thogail le fear de theaghlaichean Chlann Raghnaill. Fhuair i foghlam ann an Dùn Èideann.

Fhad 's a bha i a' tadhal air a bràthair ann an Uibhist a Deas ann an 1746, chuidich i ann a bhith a' toirt Theàrlaich Eideard Stiùibhairt, Am Prionnsa Teàrlach, a bh' air èideadh mar a searbhanta 'Betty Burke', a-null chun an Eilein Sgitheanaich. Chaidh a cur an greim airson na rinn i agus chaidh a cur gu Tùr Lunnainn ach chaidh a leigeil mu sgaoil beagan an dèidh air sgàth Achd an Dìon 1747. An dèidh dhi ùine a chur seachad ann an Carolina a Tuath, far an robh an deach an duine aice a chur dhan phrìosan thill i fhèin agus a teaghlach gu Cinnseaborg anns an Eilean Sgitheanach. Dh'eug Fionnghal ann an 1790

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Fionnghal NicDhòmhnaill ann an Flòdaigearraidh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1910an

Fionnghal NicDhòmhnaill, Flòdaigearraidh; Na Seumasaich; Teàrlach Eideart Stiùbhart; Blàr Chùl Lodair; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection