Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Diùc Ghòrdain, Cinn a' Ghiùthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0222
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32120
KEYWORDS
taighean-òsta
Banrigh Bhioctoria
Mac a' Phearsain
cairtean-puist
Duke of Gordon Hotel, Kingussie

Sa chairt-phuist seo chithear Taigh-òsta Diùc Ghòrdain ann an Cinn a' Ghiùthsaich, baile beag a tha mu 70km deas air Inbhir Nis. Chaidh an taigh-òsta, a tha air Rathad Bhail' Ùr an t-Slèibh, a dheilbh le Alexander Cattanach agus a thogail ann an 1906.

Tha baile Chinn a' Ghiùthsaich sa chumadh sa bheil e an-diugh mar thoradh air gnìomhan Dhiùc Ghòrdain fhèin a chuir roimhe aig deireadh an 18mh linn gun stèidhicheadh e am baile beag mar àite airson clòimh a dhèanamh. 'S ann aigesan aig an àm a bha oighreachd Chinn a' Ghiùthsaich agus thog e baile beag dealbhaichte agus chuir e air bhonn grunn mhuilnean. Ann an 1799 sgaoil e sanasan a' brosnachadh luchd-ciùird gus pìosan fearainn a cheannach sa bhaile bheag airson "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Ach cha deach ro mhath leis agus cha do dh'fhàs am baile mòran idir. San Dàmhair 1861, thadhail a' Bhanrigh Bhioctoria air an taigh-sheinnse san àite sa bheil an-diugh Taigh-òsta Diùc Ghòrdain, agus sgrìobh i na leabhar-latha mu Chinn a' Ghiuthsaich mar "a very straggling place with few cottages". Ach nuair a dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis is Pheairt ann an 1863, bha e a' dol tron bhaile is thàinig saoibhreas is fàs air Cinn a' Ghiùthsaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Diùc Ghòrdain, Cinn a' Ghiùthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1910an

taighean-òsta; Banrigh Bhioctoria; Mac a' Phearsain; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Taigh-òsta Diùc Ghòrdain ann an Cinn a' Ghiùthsaich, baile beag a tha mu 70km deas air Inbhir Nis. Chaidh an taigh-òsta, a tha air Rathad Bhail' Ùr an t-Slèibh, a dheilbh le Alexander Cattanach agus a thogail ann an 1906.<br /> <br /> Tha baile Chinn a' Ghiùthsaich sa chumadh sa bheil e an-diugh mar thoradh air gnìomhan Dhiùc Ghòrdain fhèin a chuir roimhe aig deireadh an 18mh linn gun stèidhicheadh e am baile beag mar àite airson clòimh a dhèanamh. 'S ann aigesan aig an àm a bha oighreachd Chinn a' Ghiùthsaich agus thog e baile beag dealbhaichte agus chuir e air bhonn grunn mhuilnean. Ann an 1799 sgaoil e sanasan a' brosnachadh luchd-ciùird gus pìosan fearainn a cheannach sa bhaile bheag airson "Tradesmen, Manufacturers and Shop-keepers who may be inclined to settle there". Ach cha deach ro mhath leis agus cha do dh'fhàs am baile mòran idir. San Dàmhair 1861, thadhail a' Bhanrigh Bhioctoria air an taigh-sheinnse san àite sa bheil an-diugh Taigh-òsta Diùc Ghòrdain, agus sgrìobh i na leabhar-latha mu Chinn a' Ghiuthsaich mar "a very straggling place with few cottages". Ach nuair a dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis is Pheairt ann an 1863, bha e a' dol tron bhaile is thàinig saoibhreas is fàs air Cinn a' Ghiùthsaich