Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid an Lagain, Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0223
ÀITE
An Lagan
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32122
KEYWORDS
dealbhan
cairtean
peantairean
Slighe-Uisge a' Ghlinn Mhòir, Thòmas Telford
slighean-uisge
Laggan Avenue, Caledonian Canal

Tha a' chairt seo a' sealltainn dealbh a rinn Warren Williams (1863-1918) de Shràid an Lagain air Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir. Bha Williams a' fuireach agus ag obair timcheall air Conway anns a' Chuimrigh. Fhuair e oideachas aig Colaiste na h-Ealain am Poll a' Ghrùthain, agus choisinn e cliù airson nan dealbhan a rinn e le peant-uisgeach, de sheallaidhean dùthchail anns a' Chuimrigh .

'S e Sràid an Lagain an earrann den t-slìgh'-uisge eadar Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh. Tha craobhan giuthais ann an sreath ri thaobh a chaidh an cur nuair a bha an sligh'-uisge ga togail.

Tha Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clachan na h-Aire an Inbhir Nis, agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Thogadh i farsainn gu leòr ann an àiteachan do luing-chogaidh bheaga aig a' Chabhlach Rìoghail, ri linn Cogadh Napoleon. B' urrainn dha na bàtaichean An Caol Arcach stoirmeil agus an cabhlach Frangach a sheachnadh. Tha faid na Sligh'-Uisge a' gabhail a-steach lochan a bh' ann o thùs - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh.Tha 29 geata anns an t-slighe-uisge, nam measg "Staighre Neptuin", sreath de dh'ochd geataichean am Bainbhidh. Rinn Seumas Watt dealbhachadh don t-sligh'-uisge cho tràth ri 1773, ach cha do thòisich air obair gus 1803, agus an uairsin b' iad Jessop agus Telford na dealbhadairean. Dh'fhosgladh pàirt dhen t-sligh'-uisge ann an 1822, ach chuireadh crìoch oirre ann an 1843-47.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid an Lagain, Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

dealbhan; cairtean; peantairean; Slighe-Uisge a' Ghlinn Mhòir, Thòmas Telford; slighean-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Tha a' chairt seo a' sealltainn dealbh a rinn Warren Williams (1863-1918) de Shràid an Lagain air Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir. Bha Williams a' fuireach agus ag obair timcheall air Conway anns a' Chuimrigh. Fhuair e oideachas aig Colaiste na h-Ealain am Poll a' Ghrùthain, agus choisinn e cliù airson nan dealbhan a rinn e le peant-uisgeach, de sheallaidhean dùthchail anns a' Chuimrigh .<br /> <br /> 'S e Sràid an Lagain an earrann den t-slìgh'-uisge eadar Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh. Tha craobhan giuthais ann an sreath ri thaobh a chaidh an cur nuair a bha an sligh'-uisge ga togail.<br /> <br /> Tha Sligh'-Uisge a' Ghlinn Mhòir a' ceangal na Corpaich, faisg air a' Ghearasdan, ri Clachan na h-Aire an Inbhir Nis, agus tha mu 60 mìle a dh'fhaid ann. Thogadh i farsainn gu leòr ann an àiteachan do luing-chogaidh bheaga aig a' Chabhlach Rìoghail, ri linn Cogadh Napoleon. B' urrainn dha na bàtaichean An Caol Arcach stoirmeil agus an cabhlach Frangach a sheachnadh. Tha faid na Sligh'-Uisge a' gabhail a-steach lochan a bh' ann o thùs - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Obhaich agus Loch Lòchaidh.Tha 29 geata anns an t-slighe-uisge, nam measg "Staighre Neptuin", sreath de dh'ochd geataichean am Bainbhidh. Rinn Seumas Watt dealbhachadh don t-sligh'-uisge cho tràth ri 1773, ach cha do thòisich air obair gus 1803, agus an uairsin b' iad Jessop agus Telford na dealbhadairean. Dh'fhosgladh pàirt dhen t-sligh'-uisge ann an 1822, ach chuireadh crìoch oirre ann an 1843-47.