Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Ùr an t-Slèibh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0226
ÀITE
Baile Ùr an t-Slèibh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32125
KEYWORDS
Taighean-Òsta Stuamachd
taighean-òsta
Seumas Mac a' Phearsain
Stonemuir
Banrigh Bhictòria
cairtean
bailtean beaga
turasachd
Newtonmore

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de Bhaile Ùr an t-Slèibh anns an sgìre Bàideanach agus Srath-Spè. Air beulaibh an deilbh, chithear Taigh-Òsta na Stuamachd on 19mh linn. Aig cùl an deilbh, chithear eisimpleirean de thaighean mòra Bhictòrianach.

Gus toiseach an 19mh linn, cha robh clàr de bhaile far a bheil Baile Ùr an t-Slèibh air a cheann shuas de dh'Abhainn Spè, an ceann a deas Bàideanaich agus Srath Spè. Tha fianais ann ge-tà, gun robh àiteachan còmhnaidh agus bailtean beaga ann o chionn fhada an Gleann Beannchair faisg air làimh. 'S ann an dèidh drochaid a bhith air a togail tarsainn Abhainn Spè ann an 1756, agus nam fuadaichean aig deireadh an 18mh linn, a thogadh baile beag air an rathad ùr gu tuath. A rèir an Treas Cunntais Àireamhail chaidh am baile a stèidheachadh le Seumas Mac a' Phearsain, mac do Sheumas Mac a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Òisein.

B' e Stonemuir a bh' air a' bhaile o thùs, ach fhuair e an t-ainm Baile Ùr an t-Slèibh ro 1828. Aig toiseach an 19mh linn, bha na fèilltean cruidh a bu mhotha eadar Inbhir Nis agus an Eaglais Bhreac gan cumail an seo. Air sgàth ùidh Banrigh Bhictòria anns a' Ghàidhealtachd - bha i air tadhal air Àird Mhairgidh faisg air làimh agus air smaoineachadh ma cheannach - dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar àite airson saor-làithean, agus bhitheadh na h-uaislean a' sealg agus ag iasgach air na h-oighreachdan mòra.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Ùr an t-Slèibh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

Taighean-Òsta Stuamachd; taighean-òsta; Seumas Mac a' Phearsain; Stonemuir; Banrigh Bhictòria; cairtean; bailtean beaga; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn sealladh de Bhaile Ùr an t-Slèibh anns an sgìre Bàideanach agus Srath-Spè. Air beulaibh an deilbh, chithear Taigh-Òsta na Stuamachd on 19mh linn. Aig cùl an deilbh, chithear eisimpleirean de thaighean mòra Bhictòrianach.<br /> <br /> Gus toiseach an 19mh linn, cha robh clàr de bhaile far a bheil Baile Ùr an t-Slèibh air a cheann shuas de dh'Abhainn Spè, an ceann a deas Bàideanaich agus Srath Spè. Tha fianais ann ge-tà, gun robh àiteachan còmhnaidh agus bailtean beaga ann o chionn fhada an Gleann Beannchair faisg air làimh. 'S ann an dèidh drochaid a bhith air a togail tarsainn Abhainn Spè ann an 1756, agus nam fuadaichean aig deireadh an 18mh linn, a thogadh baile beag air an rathad ùr gu tuath. A rèir an Treas Cunntais Àireamhail chaidh am baile a stèidheachadh le Seumas Mac a' Phearsain, mac do Sheumas Mac a' Phearsain a "dh'eadar-theangaich" bàrdachd Òisein.<br /> <br /> B' e Stonemuir a bh' air a' bhaile o thùs, ach fhuair e an t-ainm Baile Ùr an t-Slèibh ro 1828. Aig toiseach an 19mh linn, bha na fèilltean cruidh a bu mhotha eadar Inbhir Nis agus an Eaglais Bhreac gan cumail an seo. Air sgàth ùidh Banrigh Bhictòria anns a' Ghàidhealtachd - bha i air tadhal air Àird Mhairgidh faisg air làimh agus air smaoineachadh ma cheannach - dh'fhàs Baile Ùr an t-Slèibh mar àite airson saor-làithean, agus bhitheadh na h-uaislean a' sealg agus ag iasgach air na h-oighreachdan mòra.