Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse Àird Mhairgidh aig taobh Loch Lagain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0237
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32136
KEYWORDS
loidsichean
taighean
cairtean
leabhar-lannan
lochan.
Ardverikie Lodge by the shores of Loch Laggan, Kingussie

Air a' chairt seo tha sealladh de Thaigh no Loidse Àird Mhairgidh aig taobh Loch Lagain, faisg air Cinn a' Ghiùthsaich.

'S ann o 1877 a tha Taigh Àird Mhairgidh mar a tha e an-diugh. Tha leabharlann daraich ann, a chaidh a cheannach bho Dhiùc Sussex an Lùchairt Cheansaington. Thathar nas eòlaiche air an taigh mar 'Glenbogle', anns an t-sreath ainmeil de phrògraman telebhisein "Monarch of the Glen".

Tha an taigh air làrach togalaich nas sine o linn Rìgh Fhearghais (Rìgh nan Albannach an Dal Riata). Thathar ag ràdh gu bheil e tiodhlaicte air eilean am meadhan Loch Lagain. Dh'fhuirich Banrigh Bhictòria anns an togalach nuair a bha i air cuairt don Ghaidhealtach, agus chòrd e rithe cho mòr gun do smaoinich i air a dhèanamh na dachaigh Albannaich.

Chaidh an taigh na smal uile gu lèir ann an 1871, agus rinneadh planaichean gus a thogail às ùr sa mhionaid. Ach nuair a bha e faisg air bhith deiseil, chaidh e na theine a-rithist nuair a dh'fhàgadh bucaid anns an robh gual teth gun fhiosta ann an seòmar-laighe. 'S e an togalach a chaidh na àite Taigh Àird Mhairgidh mar a tha e an-diugh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse Àird Mhairgidh aig taobh Loch Lagain

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

loidsichean; taighean; cairtean; leabhar-lannan; lochan.

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection