Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid an Rìgh an Cinn a' Ghiùthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0239_AT
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
32140
KEYWORDS
bailtean beaga
sràidean
bùidsear
King Street, Kingussie

Tha an t-ainm Beurla 'Kingussie' a' tighinn on Ghàidhlig Cinn a' Ghiùthsaich. Aig aon àm b' e prìomh bhaile do Bhàideanach, agus b' e baile beag a bh' ann cuartaichte le coille ghiuthais. Ann an 1799, rinn Diùc Ghòrdain suas inntinn gu robh an sgìre feumach air baile, agus chuireadh plana ri chèile.

Dh'fhàs baile Chinn a' Ghiùthsaich air a shocair, gus an do dh'adhbhraich togail nan drochaidean air Abhainn Spè agus Abhainn Lagain aig toiseach an 19mh linn gun robh e air a' phrìomh rathad bho Inbhir Nis gu Peairt agus dhan Ghearasdan. Dh'fhàs am baile a-rithist nuair a chaidh feadhainn bho sgìrean mu chuairt a ghluasad a-steach dhan bhaile, gus àite a thoirt do chaoraich.

Thug an rèile a-steach barrachd turasachd ann an 1863, agus chaidh raon-goilf le 18 toll fhosgladh ann an 1890.

Tha dlùth-cheangal aig Cinn a' Ghiùthsaich ri iomain, agus chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh anns a' bhaile ann an 1893. Tha sgioba iomain Chinn a' Ghiùthsaich air ainmeachadh ann an 'Guinness Book of Records' mar an sgioba as soirbheachaile ann an spòrs sam bith.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid an Rìgh an Cinn a' Ghiùthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

2000an

bailtean beaga; sràidean; bùidsear