Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cinn a' Ghiùthsaich on Chreig Bhig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0240
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32141
KEYWORDS
bailtean beaga
cairtean puist
Kingussie from Craig Beg

Air a' chairt seo tha sealladh farsainn de Chinn a' Ghiùthsaich on Chreig Bhig. Air iomall a' bhaile tha taighean mòran Bhictòrianach gan togail.

Tha an t-ainm Beurla 'Kingussie' a' tighinn on Ghàidhlig Cinn a' Ghiùthsaich. Aig aon àm b' e prìomh bhaile Bhàideanaich, agus b' e baile beag a bh' ann cuartaichte le coille ghiuthais. Ann an 1799, rinn Diùc Ghòrdain suas inntinn gun robh an sgìre feumach air baile, agus chuireadh plana ri chèile.

Dh'fhàs baile Chinn a' Ghiùthsaich air a shocair, gus an do dh'adhbharaich togail nan drochaidean air Abhainn Spè agus Abhainn Lagain aig toiseach an 19mh linn gun robh e air a' phrìomh rathad bho Inbhir Nis gu Peairt agus dhan Ghearasdan. Dh'fhàs am baile a-rithist nuair a chaidh feadhainn bho sgìrean mu chuairt a ghluasad a-steach dhan bhaile, gus àite a thoirt do chaoraich.

Thug an rèile a-steach barrachd turasachd ann an 1863, agus chaidh raon-goilf le 18 toll fhosgladh ann an 1890.

Tha dlùth-cheangal aig Cinn a' Ghiùthsaich ri iomain, agus chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh anns a' bhaile ann an 1893. Tha sgioba iomain Chinn a' Ghiùthsaich air ainmeachadh ann an 'Guinness Book of Records' mar an sgioba as soirbheachaile ann an spòrs sam bith

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cinn a' Ghiùthsaich on Chreig Bhig

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1900an; 1910an

bailtean beaga; cairtean puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection