Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cath-bhuidheann Saor-thoileach Albannaich Lunnainn ann Cinn a' Ghiùthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0242
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
DEIT
1906
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32142
KEYWORDS
arm
cairtean
rèiseamaidean
Achdan Pàrlamaid
A' Chiad Chogadh
An Dara Cogadh
London Scottish Volunteers at Kingussie

Tha a' chairt seo a' sealltainn Cath-bhuidheann Saor-thoileach Albannaich Lunnainn a' tighinn a-steach do Chinn a' Ghiùthsaich. Ann an 1859, thog buidheann de dh'Albannaich Cath-bhuidheann Saor-thoileach Raidhfileach Albannaich Lunnainn. Air an ceann bha am Fo-cheannard Còirneal Iarla Elcho, a thàinig gu bhith na Iarla nan Uamh agus Mairc.

Bha na buidhnean saor-thoileach air an cur air chois an toiseach mar chompanaidhean neo-eisimeileach, le èididhean a bha gu h-ìre mhòr an urra ri gach ball. Ann an 1861, chaidh riaghailtean a chur an clò, a' toirt stiùireadh air nithean leithid smachd agus trèanadh nan oifigearan, agus chaidh na companaidhean a roinn ann an Cath-bhuidhnean Clèireil. Ann an 1871 thàinig iad fo smachd Artaigilean Cogaidh agus Achd Ar-a-mach an dèidh a bhith air an toirt thairis do Rùnaire na Stàite airson Cogaidh. Ann an 1873, thill ùghdarras a-rithist gu na h-Armlainn Bhuidhnean-airm, agus airson na ciad uarach, bha iad ceangailte gu foirmeil ris an Arm Cheangailte.

An dèidh ath-leasachaidhean an airm ann an 1881, bha na Rèisimeidean Saor-thoileach nam pàirt choileanta dhe na rèiseamaidean ionadail. Ann an 1887-1888, chaidh iad air ais gu bhith nam buidhnean saor-thoileach fo na rèiseamaidean stèidhichte. Bha aig na cath-bhuidhnean ris an dùthaich a dhìon, ach cha robh aca ri dhol a-null thairis.

Thàinig na Cath-bhuidhnean Saor-thoileach gu bhith nan Arm Tìreil, an dèidh leasachaidhean Haldane ann an 1908, agus chaidh an atharrachadh gu bhith nan arm-taic anns an Roinn Eòrpa, nam biodh feum air an leithid. Chuireadh seo an gnìomh ann an 1914, nuair a thàinig air an Arm Tìreil a dhol dhan Fhraing

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cath-bhuidheann Saor-thoileach Albannaich Lunnainn ann Cinn a' Ghiùthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1900an

arm; cairtean; rèiseamaidean; Achdan Pàrlamaid; A' Chiad Chogadh; An Dara Cogadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection