Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sligh'-uisge aig Cille Chuimein
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0253
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32153
KEYWORDS
slighean-uisge
Slighe-uisge a' Chaledonian
claisean slighe-uisge
Thomas Telford
innealan-draghaidh
soithichean
longan
bàtaichean
cairtean-puist
Canal locks at Fort Augustus

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn bàta a' dol tro chlaisean Slighe-uisge a' Chaledonian aig Cille Chuimein Chithear abaid Chille Chuimein air a chùlaibh.

Air gach taobh dhen t-slighe-uisge, chithear daoine ag obrachadh inneal-draghaidh nan claisean. Bha innealan-draghaidh air an cleachdadh gus na claisean a dhùnadh agus fhosgladh mus deach an an siostam innleachdachadh. Bhiodh an luchd-obrach a' coiseachd mun cuairt iomadh turas, a' putadh an inneal-draghaidh fhad 's a bha iad a' dèanamh sin agus dh'fhosgladh agus dhùnadh na geataichean agus na pleadhagan air sgàth sin. Chaidh siostam innleachdachaidh a chur air na claisean anns na 1960an

Tha Slighe-uisge a' Chaledonian a' ceangal a' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan gu Clach na h-Aire, Inbhir Nis agus tha e mu 60 mìle a dh'fhaid. Chaidh a dhèanamh leathainn gu lèor ann an cuid a dh'àiteachan gus am b' urrainn do longan-cogaidh a' Chabhlaich Rìoghail a dhol ann rè Cogaidhean Napòleon. Dh'fhaodadh eathraichean An Caol Arcach, far am biodh mòran stoirmean, agus cabhlach na Frainge a sheachnadh. Tha tòrr dhen t-slighe-uisge a' cleachdadh lochan a bh' ann co-dhiù - Loch Dàbhach Phùr, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 clais air an t-slighe-uisge, man measg sin 'Staighre Neptune', 8 claisean aig Bainbhidh aig ceann an iar an t-slighe-uisge. Chaidh dealbhan a dhèanamh airson an t-slighe-uisge le Seumas Watt ann an 1773, ach cha deach tòiseachadh air gu 1803, agus 's e Jessop agus Telford a dhealbhaich e. Dh'fhosgail pàirt dhe ann an 1822, agus chaidh crìoch a chur air ann an 1843-47.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sligh'-uisge aig Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1890an

slighean-uisge; Slighe-uisge a' Chaledonian; claisean slighe-uisge; Thomas Telford; innealan-draghaidh; soithichean; longan; bàtaichean; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn bàta a' dol tro chlaisean Slighe-uisge a' Chaledonian aig Cille Chuimein Chithear abaid Chille Chuimein air a chùlaibh. <br /> <br /> Air gach taobh dhen t-slighe-uisge, chithear daoine ag obrachadh inneal-draghaidh nan claisean. Bha innealan-draghaidh air an cleachdadh gus na claisean a dhùnadh agus fhosgladh mus deach an an siostam innleachdachadh. Bhiodh an luchd-obrach a' coiseachd mun cuairt iomadh turas, a' putadh an inneal-draghaidh fhad 's a bha iad a' dèanamh sin agus dh'fhosgladh agus dhùnadh na geataichean agus na pleadhagan air sgàth sin. Chaidh siostam innleachdachaidh a chur air na claisean anns na 1960an<br /> <br /> Tha Slighe-uisge a' Chaledonian a' ceangal a' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan gu Clach na h-Aire, Inbhir Nis agus tha e mu 60 mìle a dh'fhaid. Chaidh a dhèanamh leathainn gu lèor ann an cuid a dh'àiteachan gus am b' urrainn do longan-cogaidh a' Chabhlaich Rìoghail a dhol ann rè Cogaidhean Napòleon. Dh'fhaodadh eathraichean An Caol Arcach, far am biodh mòran stoirmean, agus cabhlach na Frainge a sheachnadh. Tha tòrr dhen t-slighe-uisge a' cleachdadh lochan a bh' ann co-dhiù - Loch Dàbhach Phùr, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 clais air an t-slighe-uisge, man measg sin 'Staighre Neptune', 8 claisean aig Bainbhidh aig ceann an iar an t-slighe-uisge. Chaidh dealbhan a dhèanamh airson an t-slighe-uisge le Seumas Watt ann an 1773, ach cha deach tòiseachadh air gu 1803, agus 's e Jessop agus Telford a dhealbhaich e. Dh'fhosgail pàirt dhe ann an 1822, agus chaidh crìoch a chur air ann an 1843-47.