Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill Eich, Port Rìgh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0264
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
1921
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32166
KEYWORDS
eich
pònaidhean
Fèilltean Eich
croitearachd
Horse Fair, Portree

Chaidh an dealbh camara neo-àbhaisteach seo a thogail ann an Ceàrnag Shomhairle ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach tràth anns na 1920an. Tha e a' sealltainn Fèill Eich no margaidh a' dol air adhart.

Bha eich nam pàirt cudromach de chroitearachd san Eilean Sgitheanach gu math a-steach do na 1930an. Bha iad air an cleachdadh airsom a bhith a' giùlan mòine, a' tarraing chairtean agus a' toirt còmhdhail air na frith-rathaidean garbh a bha a' dol tarsainn an eilein.

B' e an gearan am briod eich traidiseanta sa Ghàidhealtachd, beathach tapaidh agus gu sònraichte greimeil air an casan. Bha e air leth freagarrach airson a bhith ag obair air croitean beanntach na Gàidhealtachd agus an uair sin bha e glè fheumail ann an gnìomhachas coilltearachd airson a bhith a' giùlan uidheam agus solaran do cheàrnaidhean iomallach a thuilleadh air a bhith a' toirt fiodh air falbh. Bha croitearan a' cumail pònaidhean na bu lugha cuideachd airson obair nach robh cho cruaidh agus bha eich na bu làidir gam faighinn air iasad bho nàbaidhean no air an roinn airson obair treabhaidh agus buain a dhèanamh.

Tha Ceàrnag Shomhairle, a' phrìomh cheàrnaidh poblach ann am meadhan Phort Rìgh, a' toirt ainm bho ghaisgeach bhon 12mh linn a bha na ceann-feadhna air Clann Dòmhnaill. Tha an Taigh Cùirte, an togalach susbainteach air fìor làimh dheis an deilbh camara, a' dol air ais gu 1865. 'S e aon de ghrunnan thogalaichean a tha a' coimhead thar na ceàarnaig a th' ann agus chaidh a dhealbhachadh leis a' chompanaidh ailtireareachd, Matthews agus Lawrie.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill Eich, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

eich; pònaidhean; Fèilltean Eich; croitearachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection