Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Fay Anderson agus Avril Watt mu chairtean-aithneachaidh
EXTERNAL ID
WD_HF04_TRACK06_ANDERSONWATT
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Fay Anderson & Avril Watt
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3217
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cogaidhean
cairt-aithneachaidh
cairtean-aithneachaidh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Fay Anderson agus Avril Watt a' meòmhrachadh air cairtean-aithneachaidh air an cleachdadh rè 'n Dàrna Cogaidh.

FA: Bha rud againn uile dhen ainm diosg-aithneachaidh. 'S e - chan eil fhios 'am a robh muinntir Cheann Loch Lìobhain -

AW: Cha robh. 'S e cairtean-aithneachaidh a bh' againne.

FA: Bha sinne an-còmhnaidh -

Grùnn dhaoine: 'S e cairtean a bh' againne, cairtean-aithneachaidh.

FA: Seadh bha cairt-aithneachaidh againn, ach sa bhaile bha claspa beag meatailt againn. Tha sin ceart. Cha robh feum a chur ort a-muigh air an dùthaich. Ach sa bhaile, san sgoil, dh'fheumadh sin a bhith ort. Bha d' ainm agus do sheòladh air gun fhios nach tachradh rudeigin riut agus nach biodh duine ag aithneachadh cò bh' annad.

AW: Tha mo chairt-aithneachaidh-sa agam fhathast.

Grùnn dhaoine: Tha is agamsa.

AW: Dh' fheumadh tu a shealltainn, gu h-àraid -

FA: Bha còir agam a thoirt leam.

AW: Nuair a dh'fhalbh mi gu taigh mo sheanphàrantan bha a h-uile rathad dùinte le ròlairean saimeant uabhasach mòr, dìreach iargalta mòr, nas àirde na fireannach agus bhiodh dhà no trì dhiubh gach taobh den rathad. Bha iad sin ann, nam biodh na Gearmailteach air ionnsaigh a dhèanamh air an dùthaich seo, gun gabhadh na h-innealan roiligeadh tarsainn an rathaid agus bha tancaichean dìreach taobh a-muigh geata mo sheanmhar. Bha tancaichean an sin, dà thanc air gach taobh den rathad, agus bha saighdearan ann fad na h-ùine, ceithir uairean fichead sa là. Agus a h-uile turas a dhèidheadh tu a-mach 's a-steach a Dhùn Èideann, thàinig ort do chairt-aithneachaidh a shealltainn. Air neo bhiodh tu air do chur air ais dhachaigh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Fay Anderson agus Avril Watt mu chairtean-aithneachaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cogaidhean; cairt-aithneachaidh; cairtean-aithneachaidh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)