Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt agus An Taigh Mu Dheireadh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0268
ÀITE
Taigh Iain Ghròt
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Canasbaigh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32170
KEYWORDS
taighean-òsta
taighean-seinnse
turasachd
Jan de Groot
an taigh mu dheireadh
taighean-tasgaidh
cairtean-puist
John O'Groats House Hotel and the Last House in Scotland

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt ann an Gallaibh agus an Taigh Mu Dheireadh ann an Alba.

Chaidh an taigh-òsta a stèidheachadh ann an 1875 agus chaidh cur ris iomadach turas an dèidh sin. Tha an taigh-òsta air a stèidheachadh air làrach far an robh taigh air an robh, a rèir beul-aithris, ochd taobhanan agus a bh' air a thogail le Jan de Groot. Fhuair am baile ainm bhon Dùitseach sin.

Fhuair De Groot a' chiad cead gus bàt'-aiseag a ruith gu Arcaibh ann an 1486. Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do thog an Dùitseach taigh ochd-taobhach le bòrd ochd-taobhach na bhroinn gus am b' urainn dha ithe còmhla ri ochd mhac fhèin. Bha seo a' cur stad air argamaidean mu cò a b' fhaisge air ceann a' bhùird agus bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na mic uile biadh fhaighinn bho an athair. Tha pòla-brataich ri taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich far a bheilear dhen bheachd gun robh an taigh. Tha cumadh ochd-taobhach an togalaich air a riochdachadh le àiltireachd Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt agus An Taigh Mu Dheireadh

GALLAIBH: Canasbaigh

1950an

taighean-òsta; taighean-seinnse; turasachd; Jan de Groot; an taigh mu dheireadh; taighean-tasgaidh; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt ann an Gallaibh agus an Taigh Mu Dheireadh ann an Alba.<br /> <br /> Chaidh an taigh-òsta a stèidheachadh ann an 1875 agus chaidh cur ris iomadach turas an dèidh sin. Tha an taigh-òsta air a stèidheachadh air làrach far an robh taigh air an robh, a rèir beul-aithris, ochd taobhanan agus a bh' air a thogail le Jan de Groot. Fhuair am baile ainm bhon Dùitseach sin.<br /> <br /> Fhuair De Groot a' chiad cead gus bàt'-aiseag a ruith gu Arcaibh ann an 1486. Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do thog an Dùitseach taigh ochd-taobhach le bòrd ochd-taobhach na bhroinn gus am b' urainn dha ithe còmhla ri ochd mhac fhèin. Bha seo a' cur stad air argamaidean mu cò a b' fhaisge air ceann a' bhùird agus bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na mic uile biadh fhaighinn bho an athair. Tha pòla-brataich ri taobh an taigh-òsta a' comharrachadh an làraich far a bheilear dhen bheachd gun robh an taigh. Tha cumadh ochd-taobhach an togalaich air a riochdachadh le àiltireachd Taigh-òsta Thaigh Iain Ghròt