Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Slighe-rèile Ghleann Fhionghain, Loch Abar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0274
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32177
KEYWORDS
drochaidean-rèile
drochaidean
cairtean
Glenfinnan Viaduct, Lochaber

Slighe-rèile Ghleann Fhionghain, air Rèile Taobh Siar na Gàidhealtachd. Chaidh an t-slighe-rèile a thogail eadar 1897 agus 1901 leis an innleadair Sir Robert MacAlpine agus chosg I £318,904,00. Tha 21 bogha oirre, agus b' I a' chiad dhrochaid chruadhtain a chaidh a togail ann am Breatainn. Tha stèisean Ghleann Fhionghain mu leathach-slighe eadar an Gearasdan agus Malaig.

Chunniac mòran an drochaid o chionn ghoirid, nuair a nochd I anns an dàrna film san t-sreath mu Harry Potter, 'Harry Potter and the chamber of secrets'. Rinneadh an trèan-smùide 'Jacobite', a bhios a' siubhal air an rèile, na Hogwarts Express anns an fhilm, agus chaidh a filmeadh a' dol tarsainn air an t-slighe-rèile.

Thogadh Rèile Taobh Siar na Gàidhealtachd , a bha a' ceangal Malaig agus Glaschu, le Companaidh Rèile Ceann a Tuath Bhreatainn o thùs.

Dh'fhosgladh an rèile eadar Glaschu agus an Gearasdan do luchd-siubhail ann an 1894. Seachd bliadhna an dèidh sin, dh'fhosgladh an rèile eadar an Gearasdan agus Malaig. Thugadh Companaidh Rèile Ceann a Tuath Bhreatainn a-steach mar phàirt de Chompanaidh Rèile Bhreatainn ann an 1948.

Bidh an trèan-smùide 'The Jacobite' a-nis a' siubhal eadar an Gearasdan agus Malaig. Bidh i a' dol tarsainn drochaid-rèile Gleann Fhionghain, agus baile beag Àrasaig, far a bheil seallaidhean de dh' Eilean Eige, Eilean nam Muc agus Rùm, mus ruig i a ceann-uidhe am Malaig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Slighe-rèile Ghleann Fhionghain, Loch Abar

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1930an; 1940an

drochaidean-rèile; drochaidean; cairtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards