Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Mairead Black mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF05_TRACK02_BLACK
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Margaret Black
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3219
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
às-fhalamhachadh
evacuation
sgoiltean
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha clasaichean aig Mairead Black sna h-eaglaisean an Inbhir Ùige aig àm an Dàrna Cogaidh.

Co ris a bha an sgoil coltach rè a' chogaidh?

Bha an sgoil meadhanach inntinneach a chionns gu robh iad air sgoil ùr a thogail an Inbhir Ùige, air aobhar air choireigin, dìreach mus do thoòisich an cogadh, agus chan eil fhios agam carson, ach bha iad air a thogail buileach air oir an raoin itealain, rud, nuair a choimheadas tu air ais air, a bha caran gòrach. Ach tha mi creids' nach robh fios aca gu robh an cogadh a' tighinn. Agus dh'fheumadh iad an sgoil fhàgail falamh; cha b' urrainn dhuinn a chleachdadh. 'S mar sin chaidh sinn uile a chur a-steach gu eaglaisean air feadh a' bhaile, dà chlas anns gach eaglais. Chaidh cuid de na suidheachain, na beingean an toirt às agus chaidh bùird a chur a-steach agus bhiodh aon chlas air aon taobh na h-eaglais agus clas eile air an taobh eile. Mar sin chunnaic sinn a h-uile eaglais an Inbhir Ùige rè a' chogaidh leis mar a dh'fheumadh sinn gluasad bho chlas gu clas mar a ghluais sinn suas san sgoil. Agus tha fhios gum feumamaid masgaichean gas agus rudan a ghiùlan leinn cuideachd.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Mairead Black mu sgoil aig àm an Dàrna Cogaidh

GALLAIBH: Inbhir Ùige

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; às-fhalamhachadh; evacuation; sgoiltean; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)