Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Ruadhainn, Ceann a' Ghiùthsaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0294
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32198
KEYWORDS
caistealan
taighean-feachd
Seumasaich
Cuimeinean
Madadh Bhàideanach
Seanalair Wade
Blàr Chùil Lodair
cairtean-puist
Ruthven Castle, Kingussie

'S e 'Ruthven Castle' an tiotal a th' air a' chairt-phuist seo ach 's e dealbh de Ghearastan Ruadhainn a th' ann, tobhta a tha 1.1km gu deas air baile beag Chinn a' Ghiùthsaich.

Chaidh Gearastan Ruadhainn, a chaidh a chrìochnachadh ann an 1724, a thogail san ionad far an robh Caisteal Ruadhainn. Tha iad den bheachd gur e daingneach a bh' ann aig Tighearnan Chuimein, no Comyn, Bhàideanaich agus cuideachd aig Alasdair Stiùbhart, 1d Iarla Bhuchain, air an robh Madadh Bhàideanach, 'Wolf of Badenoch'. Ann an 1451 fhuair Alasdair Gòrdan, Iarla Hunndaidh, sealbh air a' chaisteal agus ann an 1590 chaidh a thogail às ùr leis an t-6mh Iarla Hunndaidh. Ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1689 chaidh an caisteal a losgadh le feachd Seumasach agus Iain Greumach Chlaverhouse, Morair Dhùn Deagh, air an ceann.

Às dèidh ar-a-mach 1715 nan Seumasach chuir riaghaltas Hanòbhair romhpa gun neartaicheadh iad na feachdan aca air a' Ghàidhealtachd. Thog iad trì gearastanan ùra a bheireadh taic do na dhà a bh' ann mar-thà ann an Inbhir Nis agus sa Ghearasdan. Chaidh na gearastanan ùra a thogail ann an Ruadhainn, ann am Beàrnara aig beul Ghleann Eilg, agus ann an Cill Chuimein, no 'Kiliwhimen', aig ceann an iar Loch Nis. Chaidh an ceathramh gearastan a thogail ann an Inbhir Snàthaid taobh Loch Laomainn air an rathad mhòr a-steach don Ghàidhealtachd.

'S e na togalaichean as àirde a chithear san dealbh blocan rumannan nan saighdearan, a bha mu choinneamh a chèile thairis air ceàrnag agus a ghabhadh 120 fear, ged a tha iad den bheachd nach robh Ruadhainn riamh làn shaighdearan. Ann an 1734 chaidh taigh-luchd-faire agus bloc stàballan a chur ris, agus chithear seo air taobh clì an deilbh.

Ann an 1745 sheas Sàirdseant Molloy agus 12 duine a-mach, gu soirbheachail, an aghaidh feachd de mu 200 Seumasach. Ach cha sheasadh an gearastan ri armachd nan gunnaichean mòra, agus dhearbhadh sin ann an 1746 nuair a ghabh feachd nan Seumasaich Gearastan Ruadhainn leis na gunnaichean mòra aca agus sgrios iad e le teine. Às dèidh Chùil Lodair chruinnich feachdan Seumasach aig Ruadhainn ach thug am Prionnsa Teàrlach dhaibh an t-òrdugh gum feumadh iad sgaoileadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Ruadhainn, Ceann a' Ghiùthsaich

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

1910an; 1920an

caistealan; taighean-feachd; Seumasaich; Cuimeinean; Madadh Bhàideanach; Seanalair Wade; Blàr Chùil Lodair; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection