Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Bheag Ghoillspidh, agus Loidse an Tùir
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0296
ÀITE
Goillspidh
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32201
KEYWORDS
bailtean-iasgaich
Na Fuadaichean
An Rèile a Tuath
colaistean
sgoiltean
abhainn
aibhnichean
Gleann Dhùn Robain
coiseachd

loidsichean
Golspie Burn and Tower Lodge

Tha a' chairt seo a' sealltainn Abhainn Bheag Ghoillspidh agus Loidse an Tùir ann an Cataibh. Faisg air Caisteal Dhùn Robain, b' e seo far an cruinnicheadh luchd-cinnidh Chataibh ri linn fiùdalachd. Tha na cnuic choillteach os cionn Abhainn Bheag Ghoillspidh a' dol gu Gleann Dhùn Robain, àite a tha còrdadh ri luchd-coiseachd.

'S e baile beag iasgaich a bh' ann an Goillspidh o thùs, anns nach robh ach beagan de thaighean-tughaidh, ach air sgàth buaidh nam Fuadaichean, dh'fhàs am baile gu luath. Chaidh daoine fhuadach bho na srathan faisg air làimh, gu h-àraid on Luirg, agus thàinig iad a dh'fhuireach ann an sràidean ùra Ghoillspidh. Mu 1830-1840, bha 450 neach a' fuireach anns a' bhaile, agus am measg nan goireasan a bh' ann, bha oifis a' phuist, banca, taighean-seinnse, sgoil agus muileann a bha faisg air làimh.

Rinneadh leasachadh a-rithist air Goillspidh ann an 1868 nuair a chaidh e na ceann-ùidhe dhan Rèile a Tuath. Ann an 1903, thogadh colaiste theicnigeachd sa bhaile, a tha an-diugh na phàirt de dh' Àrd-sgoil Ghoillspidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Bheag Ghoillspidh, agus Loidse an Tùir

CATAIBH: Goillspidh

1910an

bailtean-iasgaich; Na Fuadaichean; An Rèile a Tuath; colaistean; sgoiltean; abhainn; aibhnichean; Gleann Dhùn Robain; coiseachd;
loidsichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection