Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0308
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1970
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32212
KEYWORDS
cairtean-puist
bailtean
manachainnean
naomhan
cathair-eaglaisean
aodach
anart
leumadairean mara
leumadairean
Rosemarkie

Sa chairt-phuist seo o 1970 chithear Ros Mhaircnidh, baile beag air oirthir a deas an Eilein Duibh. Tha bàgh gainmhche a' coimhead a-mach thairis air Linne Mhoireibh.

'S e an taigh beag geal ris an aghaidh pàirt de Thaigh-seinnse a' Chrainn, a tha a' coimhead gu deas sìos an t-Sràid Àrd. Tha Eaglais a' Pharraist a chaidh a thogail an 1818-21sa mheadhan, agus air a cùlaibh chithear beagan de thaigh mòr Bhioctòrianach air an robh an t-ainm Hawkhill an toiseach, an uair sin rinn iad taigh-òsta dheth, am Marine Hotel, agus an-diugh 's e dachaigh-chùraim a th' ann.

Tha am bàgh na shìneadh timcheall air Nis na Cananaich, a th' air a chòmhdach le cùrsa goilf, gu ruig ceann an rubha far a bheil caolas eadar an t-Eilean Dubh agus oirthir Mhoireibh. Tha taigh-solais an seo agus seo an t-àite as fheàrr a th' ann a choimhead air leumadairean-mara a tha a' fuireach ann an Linne Mhoireibh agus a tha a' cur iongantas air an luchd-amhairc leis an leumadaireachd is an spòrs aca.

Tha Ros Mhaircnidh, a tha a' tighinn bho na facail 'ros allt nan each', air a cheangal ri baile na Cananaich a tha ri thaobh, ach tha muinntir Ros Mhaircnidh a' cumail a-mach gur e as sine. 'S ann ann an Ros Mhaircnidh a stèidhich an Naomh MoLuag à Lios Mòr manachainn san t-siathamh linn. A-rèir beul-aithris, san ochdamh linn chuir an Naomh Boniface no Curadan mar a bh' air cuideachd, clach-bhuinn na h-eaglaise tùsail, a choisrig e dhan Naomh Peadar, agus gur ann an seo a chaidh a thìodhlacadh. 'S ann an Ros Mhaircnidh a bha an ciad ionad-meadhain oifigeil, no roinn-easbaig, aig a' chiad easbaig air Ros mus deach Cathair-eaglais na Cananaich a thogail san treas linn deug.

Mar a bha iomadh coimhearsnachd bheag, bha Ros Mhaircnidh fèin-taiceil sna làithean mus tàinig piseach air conaltradh. Chaidh sgeinnidh fhàs agus chaidh anart a dhèanamh. Chithear fhathast ann an Gleann nan Sìthichean , làrach nam poll far an deach an sgeinnidh a bhogadh. Thogadh bàtaichean gu math mòr sa bhaile cuideachd.

Ged a bha e a-riamh mòr aig luchd-tadhail nan tràighean as t-samhradh, le togail Drochaid Cheasaig tha an t-àite snog, sàmhach seo a-nis gu math furasta a ruighinn do luchd-tadhail an aon latha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1970an

cairtean-puist; bailtean; manachainnean; naomhan; cathair-eaglaisean; aodach; anart; leumadairean mara; leumadairean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection