Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Linne Chrombaidh is Beinn Uais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0309
ÀITE
Linne Chrombaigh
DEIT
1956
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32213
KEYWORDS
cairtean-puist
linneachan
linne
caolas
beanntan
puirt
calachan
ola
Cromarty Firth and Ben Wyvis

Sa chairt-phuist seo o 1956 chithear Linne Chrombaidh is Beinn Uais.

'S e Linne Chrombaidh sàilean de Linne Mhoireibh a tha a' sgaradh an Eilein Duibh o thìr-mòr. Air a chruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Le talamh torrach ceithir thimcheall air, 's e prìomh àite iasgach an sgadain a bh' ann sna làithean a b' fheàrr agus bhiodh bathar a' tighinn on Roinn Eòrpa. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite na Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaidh na àite airson togail, càradh is dìon nan crann-ola on Chuan a Tuath.

'S e Beinn Uais aig 3430 troigh a dh'àirde a' bheinn as àirde agus as motha ann an taobh an ear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. 'S dòcha gur ann bhon a' Ghàidhlig 'fuathais' a tha an t-ainm Uais aig a bheil iomadh ciall - uabhasach, àrd, uasal agus uamhalta. Tha iad uile fìor mun bheinn seo. Bidh sneachd na laighe airson iomadh mhios anns na coireachan an ear agus nuair a bha am fearann aig a' Clann MhicCoinnich bhon Rìgh b' ann leothasan a bha e cho fad 's gum b' urrainn dhaibh ball-sneachda fhaighinn nuair a dh'iarraist e.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Linne Chrombaidh is Beinn Uais

1950an

cairtean-puist; linneachan; linne; caolas; beanntan; puirt; calachan; ola

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo o 1956 chithear Linne Chrombaidh is Beinn Uais.<br /> <br /> 'S e Linne Chrombaidh sàilean de Linne Mhoireibh a tha a' sgaradh an Eilein Duibh o thìr-mòr. Air a chruthachadh aig an aon àm ri Loch Nis, 's e acarsaid dhomhainn, nàdarra a th' anns an Linne. Le talamh torrach ceithir thimcheall air, 's e prìomh àite iasgach an sgadain a bh' ann sna làithean a b' fheàrr agus bhiodh bathar a' tighinn on Roinn Eòrpa. Ann an 1912 thàinig an caolas gu bhith na bhun-àite na Nèibhi agus 's e acarsaid shàbhailte a bh' ann don chabhlach san dà chogadh. O chionn greiseag chleachdadh Linne Chrombaidh na àite airson togail, càradh is dìon nan crann-ola on Chuan a Tuath.<br /> <br /> 'S e Beinn Uais aig 3430 troigh a dh'àirde a' bheinn as àirde agus as motha ann an taobh an ear na h-Alba tuath air Inbhir Nis. 'S dòcha gur ann bhon a' Ghàidhlig 'fuathais' a tha an t-ainm Uais aig a bheil iomadh ciall - uabhasach, àrd, uasal agus uamhalta. Tha iad uile fìor mun bheinn seo. Bidh sneachd na laighe airson iomadh mhios anns na coireachan an ear agus nuair a bha am fearann aig a' Clann MhicCoinnich bhon Rìgh b' ann leothasan a bha e cho fad 's gum b' urrainn dhaibh ball-sneachda fhaighinn nuair a dh'iarraist e.